Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dam Lochan an Stòir
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_5_019
ÀITE
Lochan an Stòir
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
1 An Dàmhair 1951
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8684
KEYWORDS
Lochan an Stòir
dealan-uisge
dam
loch-tasgaidh
taigh bhalbhaichean
Storr Lochs Dam

Tha an àrdachadh a deas de dham Lochan an Stòir ri fhaicinn an seo ochd mìosan ron fhosgladh oifigeil. Tha prìomh structair an dam deiseil, le rèilichean air an t-slighe-coiseacdh gan cur nan àite. Tha an obair a' dol air adhart air taigh nam bhalbhaichean, le pìoban nan àite a' ruith tron togalach. Nuair a bhathas a' togail taigh nam bhalbhaichean, biodh uisge bhon loch-tasgaidhnair a chur taobh eile bho phìoban taigh nam bhalbhaichean seo agus air a chur tro fhosgladh meadhanach ìosal anns an dam a bha air a chleachdadh airson uisge a bharrachd a leigeil air falbh. Bha an structair ceàrnagach air mullach an dam a' cumail ulagan airson a bhith a' togail agus a leigeil sìos na sgrionaichean a bha a' sìolachadh sgudall bhon uisge anns an loch-tasgaidh.

Chaidh cead a thoirt do Bhòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba dam agus stèisean cumhachd a thogail aig Lochan an Stòir san Eilean Sgitheanach ann an 1949. Anns a' phròiseact seo, chaidh uisge à Loch Fada agus Loch Leathann a chur còmhla ann an loch-tasgaidh ùr Lochan an Stòir le stèisean dealain gu h-ìosal orra ann am Bàgh Bheararaig. Thòisich obair togail tràth sa bhliadhna 1950 agus thòisich e ag obrachadh sa Chèitean 1952. Roimhe seo, dheigheadh dealan a chumail ri corra thaigh ann an sgìre an Ath Leathann le càball fon mhuir à Caol Loch Aillse, le dealan à stèisean cumhachd Drochaid Nòsdaidh. Bha gineadair beag dìosail aig an Taigh-òsta Rìoghail ann am Port Rìgh a chumadh dealan ri solas sràide agus ri beagan thaighean agus bha gineadairean aig a' chuid bu mhotha dhe na taighean-òsta agus aig cuid de na taighean mòra.

Chaidh Bòrd Dealain-Uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealain-Uisge (Alba) 1943. Chuireadh am Bile air adhart ann an Taigh na Cumantan le Tòmas MacIain, a chur an cèill gum biodh seo na fhuasgladh do chuid de na duilgheadan a bha aig a' Ghaidhealtachd aig an àm, tro bhith a' cleachdadh "the great latent power of the region' gum biodh e na chuideachadh ann a bhith na leasachadh air duilgheadasan na Gàidhealtachd. Dh'innis MacIain do na Cumantan gum biodh agus gum bu chòir gum biodh, 'industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an tòisich agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd, agus gum bhiodh cumhachd sam bith a bharrachd air a reic ris a' chliath nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean gus an dealain a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconomach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidhinn a bhiodh a' toirt dealan.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dam Lochan an Stòir

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an

Lochan an Stòir; dealan-uisge; dam;; loch-tasgaidh; taigh bhalbhaichean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive