Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sir Uilleam A Mac a' Ghobhainn
EXTERNAL ID
CAITHHORZ_CAIMS_PPD68
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Caithness Horizons
AITHNEACHADH MAOINE
869
KEYWORDS
buidhnean òigridh
comainn do dh'òigridh
Sir William A Smith

Sa phriont seo chithear Sir Uilleam Alasdair Mac a' Ghobhainn, am fear a rugadh ann an Inbhir Theòrsa agus a chuir Briogàd nam Balach air bhonn. San dealbh chithear Mac a' Ghobhainn air a' bheulaibh a' coimhead don taobh a deas. Tha boineid Bhriogàd nam Balach air agus ribein oirre a' crochadh sìos a chùl. Tha cuideachd lèine gheal, taidh dhorch agus deise air. Tha bràiste air ceangal ris a choilear chlì.

Chuir Mac a' Ghobhainn Briogàd nam Balach air bhonn ann an 1883. B' e a' chiad bhuidheann san t-saoghal do dh'òigridh a bh' air an èideadh. An dèidh dha a bhith cho soirbheachail, chaidh buidhnean òigridh eile a chur air bhonn, nam measg Beachdairean nam Balach (Boy Scouts) ann an 1908, Briogàd nan Nighean ann an 1893 agus Luchd-Iùil nan Nighean ann an 1910.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sir Uilleam A Mac a' Ghobhainn

buidhnean òigridh; comainn do dh'òigridh

Caithness Horizons

Sa phriont seo chithear Sir Uilleam Alasdair Mac a' Ghobhainn, am fear a rugadh ann an Inbhir Theòrsa agus a chuir Briogàd nam Balach air bhonn. San dealbh chithear Mac a' Ghobhainn air a' bheulaibh a' coimhead don taobh a deas. Tha boineid Bhriogàd nam Balach air agus ribein oirre a' crochadh sìos a chùl. Tha cuideachd lèine gheal, taidh dhorch agus deise air. Tha bràiste air ceangal ris a choilear chlì. <br /> <br /> Chuir Mac a' Ghobhainn Briogàd nam Balach air bhonn ann an 1883. B' e a' chiad bhuidheann san t-saoghal do dh'òigridh a bh' air an èideadh. An dèidh dha a bhith cho soirbheachail, chaidh buidhnean òigridh eile a chur air bhonn, nam measg Beachdairean nam Balach (Boy Scouts) ann an 1908, Briogàd nan Nighean ann an 1893 agus Luchd-Iùil nan Nighean ann an 1910.