Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Latha Fosglaidh, Stèisean Dealan-Uisge Lochan an Stòir
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_5_031
ÀITE
Lochan an Stòir
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
31 An Cèitean 1952
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8706
KEYWORDS
Lochan an Stòir
dealan-uisge
A' Bhan-uasal Raonaid Stiùbhart
Tòmas MacIain
Morair MacDhòmhnaill
Ban-tighearna Flòraidh NicLeòid
Opening Day, Storr Lochs Hydro-Electric Station

B' i Raonaid Stiùbhart, bean Rùnaire na Stàite airson Alba a chaidh a chur na dhreuchd o chionn ghoirid, Seumas Stiùbhart, a dh'fhosgail Sgeama Dealan-Uisge Lochan an Stòir gu h-oifigeil air 31 An Cèitean 1952. Tha Tòmas MacIain, Cathraiche Bòrd Dealan-Uisge Ceann a Tuath na h-Alba air làimh chlì a' Bhan-uasal Stiùbhart. Cha robh na sgeamachan dealan-uisge sa Ghàidhealtachd gun an luchd-cronachaidh agus ghabh MacIain an cothrom 'ill-informed and completely unjustified comments about the work of the Board' a chaidh a dhèanamh na bu thràithe a dhearbhadh ceàrr. Thug e iomradh air an 850 taigh a bha mu thràth ceangailte ris a' cliath, leis an àireamh ag èirigh gu 2500 ro dheireadh 1953. A thuilleadh air an seo rinn e iomradh air a' chuideachadh na bha Bòrd an Dealan-Uisge a toirt dhan eaconamaidh nàiseanta, le gual, a bha uair air a chleachdadh san dùthaich, a-nis ri fhaotainn ri cheannach mar às-bhathar. Tha an Courier ag ràdh gun tuirt MacIain ' We are only at the beginning of a mighty co-operative effort in marketing the resources of this country'. Leis a' chuid as lughe de chronachadh agus connspaid chan eil, 'no fear for the future of Scotland or the Highlands and Islands.'

Bha daoine cudromach ionadail an làthair airson an fhosgladh oifigeil. Rim faicinn san dealbh camara seo air làimh chlì an t-sreath aghadh tha Morair MacDhòmhnaill, Cathraiche Comhairle Sgìreil An Eilean Sgitheanaich a thug taing do Thòmas MacIain. Air a chùlaibh sgeadaichte ann an tartan tha A' Bhan-tighearna Flòraidh NicLeòid.

Chaidh cead a thoirt do Bhòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba dam agus stèisean cumhachd a thogail aig Lochan an Stòir san Eilean Sgitheanach ann an 1949. Anns a' phròiseact seo, chaidh uisge à Loch Fada agus Loch Leathann a chur còmhla ann an loch-tasgaidh ùr Lochan an Stòir le stèisean dealain gu h-ìosal orra ann am Bàgh Bheararaig. Thòisich obair togail tràth sa bhliadhna 1950 agus thòisich e ag obrachadh sa Chèitean 1952. Roimhe seo, dheigheadh dealan a chumail ri corra thaigh ann an sgìre an Ath Leathann le càball fon mhuir à Caol Loch Aillse, le dealan à stèisean cumhachd Drochaid Nòsdaidh. Bha gineadair beag dìosail aig an Taigh-òsta Rìoghail ann am Port Rìgh a chumadh dealan ri solas sràide agus ri beagan thaighean agus bha gineadairean aig a' chuid bu mhotha dhe na taighean-òsta agus aig cuid de na taighean mòra.

Chaidh Bòrd Dealain-Uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealain-Uisge (Alba) 1943. Chuireadh am Bile air adhart ann an Taigh na Cumantan le Tòmas MacIain, a chur an cèill gum biodh seo na fhuasgladh do chuid de na duilgheadan a bha aig a' Ghaidhealtachd aig an àm, tro bhith a' cleachdadh "the great latent power of the region' gum biodh e na chuideachadh ann a bhith na leasachadh air duilgheadasan na Gàidhealtachd. Dh'innis MacIain do na Cumantan gum biodh agus gum bu chòir gum biodh, 'industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an tòisich agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd, agus gum bhiodh cumhachd sam bith a bharrachd air a reic ris a' chliath nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean gus an dealain a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconomach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidhinn a bhiodh a' toirt dealan.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Latha Fosglaidh, Stèisean Dealan-Uisge Lochan an Stòir

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an

Lochan an Stòir; dealan-uisge; A' Bhan-uasal Raonaid Stiùbhart; Tòmas MacIain; Morair MacDhòmhnaill; Ban-tighearna Flòraidh NicLeòid

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive