Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Colonel Sir John Sinclair

Sa phriont seo chithear Sir Iain Mac na Ceàrdaich na sheasamh ann an èideadh Luchd-dìon Ghallaibh, na 'Fencibles'. Aig bonn an deilbh tha ainm-sgrìobhte an neach-ealain, "H. MacBeath-Raeburn".

'S e bh' ann an Sir Iain Mac na Ceàrdaich Ulbastair (1754-1835) fear a bha na uachdaran an fhearainn, na neach-poilitigs, na neach-leasachaidh, na neach-àiteachais, na neach-staitistearachd agus na thosgaire airson a dhùthaich fhèin. Rugadh e ann an Caisteal Inbhir Theòrsa gu fine Iarlannan Mhic na Ceàrdaich Ghallaibh agus chaidh e air adhart na fhoghlam gu oilthighean Dùin Èidinn, Ghlaschu agus Oxford mus deach a thoirt a-steach gu Roinn nan Luchd-tagraidh (Faculty of Advocates). Thaghadh e na BhP aig Gallaibh ann an 1780 agus shuidh e ann an Taigh nan Cumantan cha mhòr fad na h-ùine troimhe gu 1811.

B' e ciad ceann-suidhe Bhòrd an Àiteachais a bh' ann an Sir Iain agus chuir e air bhonn comann a leasaicheadh clòimh Bhreatannach. Ann an 1805 chaidh a chur san dreuchd mar choimiseanair airson rathaidean is drochaidean a thogail ann an Alba a tuath. Bha aige cuideachd ri sùil a chumail air cur-ri-chèile ciad Chunntas Stataistigeil na h-Alba eadar 1791 is 1799.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Caithness Horizons

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Còirneal Sir Iain Mac na Ceàrdaich

uachdarain; luchd-seilbh an fhearainn; luchd-poilitigs; àiteachas; leasachadh àiteachais; èideadh an airm; aodach armailteach; rèisimeidean