Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh Bheararaig, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_7_001
ÀITE
Lochan an Stòir
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
6 Giblean 1950
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8744
KEYWORDS
Lochan an Stòir
dealan-uisge
dam
stèisean cumhachd
Eilean Thuilm
Ratharsair
sealladh-tìre
Bearreraig Bay, Isle of Skye

Chaidh an dealbh camara seo a thogail tràth ann an làithean fìor thràth togaill pròiseact dealan-uisge Lochan an Stòir. A' coimhead bho thaobh tuath Bàgh Bheararaig, tha an glanadh fearainn a tha ag ullachadh airson a bhith a' togail an loidhne-phìoban a tha a' dol suas gu mullach na creige dìreach ri fhaicinn. As an sin bhiodh an loidhne-phìoban agus an rèile a bha ag aomadh a' dol sìos gu bonn na creige chas chun an stèisean cumhachd. Nas fhaide air falbh tha Eilean Thuilm, le Eilean Ratharsair air chùlaibh agus Cuithleann Dearg an Eilean Sgitheanaich nas fhaide air falbh. Ann anm meadhan an deilbh, tha uisge Abhainn Bheararaig nach eil fhathast fo smachd dam Lochan an Stòir a' dòrtadh mar eas thar na creige.

Chaidh cead a thoirt do Bhòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba dam agus stèisean cumhachd a thogail aig Lochan an Stòir san Eilean Sgitheanach ann an 1949. Anns a' phròiseact seo, chaidh uisge à Loch Fada agus Loch Leathann a chur còmhla ann an loch-tasgaidh ùr Lochan an Stòir le stèisean dealain gu h-ìosal orra ann am Bàgh Bheararaig. Thòisich obair togail tràth sa bhliadhna 1950 agus thòisich e ag obrachadh sa Chèitean 1952. Roimhe seo, dheigheadh dealan a chumail ri corra thaigh ann an sgìre an Ath Leathann le càball fon mhuir à Caol Loch Aillse, le dealan à stèisean cumhachd Drochaid Nòsdaidh. Bha gineadair beag dìosail aig an Taigh-òsta Rìoghail ann am Port Rìgh a chumadh dealan ri solas sràide agus ri beagan thaighean agus bha gineadairean aig a' chuid bu mhotha dhe na taighean-òsta agus aig cuid de na taighean mòra.

Chaidh Bòrd Dealain-Uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealain-Uisge (Alba) 1943. Chuireadh am Bile air adhart ann an Taigh na Cumantan le Tòmas MacIain, a chur an cèill gum biodh seo na fhuasgladh do chuid de na duilgheadan a bha aig a' Ghaidhealtachd aig an àm, tro bhith a' cleachdadh "the great latent power of the region' gum biodh e na chuideachadh ann a bhith na leasachadh air duilgheadasan na Gàidhealtachd. Dh'innis MacIain do na Cumantan gum biodh agus gum bu chòir gum biodh, 'industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an tòisich agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd, agus gum bhiodh cumhachd sam bith a bharrachd air a reic ris a' chliath nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean gus an dealain a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconomach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidhinn a bhiodh a' toirt dealan.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh Bheararaig, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an

Lochan an Stòir; dealan-uisge; dam; stèisean cumhachd; Eilean Thuilm; Ratharsair; sealladh-tìre

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive