Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Heileacoptair aig Tasgadh-uisge Gleann Udalain
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_8_002
ÀITE
Drochaid Nòsdaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8787
KEYWORDS
dealan-uisge
Loch Aillse
Gleann Udalain
dam
heileacoptair
taigh-bhalbh
Helicopter at Gleann Udalain Reservoir

Chaidh an dealbh seo a thogail goirid dhan tasgadh-uisge agus an dam aig Gleann Udalain, a tha a' sruthadh a-steach chun an stèisea' chumhachd aig Drochaid Nostaidh. Tha heileacoptairean air an cleachdadh gu tric leis a' Hydro bhon a tha iad a' leigeil le daoine faighinn gu luath gu àiteachan a tha gu math doirbh faighinn thuca. Bhiodh an Hydro Board ga faighinn air mhàl nuair a bhiodh feum aca oirre. B' ann le Bond Helicopters a bha an heileacoptair seo agus bha I stèidhte aig ionad BUTEC ann an Caol Loch Aillse. Bha an heileacoptair deiseil gus innealan ùra a thoirt chun an taigh-bhalbh dìreach an taobh shìos dhen dam.

Bha pròiseact dealan-uisge sgìre Loch Aillse stèidhichte aig Drochaid Nostaidh, sia mìle bho Chaol Loch Aillse. Thòisich obair air ann an 1946 an dèidh do chuirm aig an deach pòla oifigeil a chur suas anns a' Chèitean, agus chaidh an stèisean a chur gu dol anns an Dùbhlachd 1948. Bha dà dham anns na planaichean a chaidh a dhealbhadh an toiseach, ach cha robh an talamh freagarrach agus chaidh aon dam a thogail tarsainn air Allt Gleann Udalain. Chaidh an tasgadh-uisge, an dam agus an stèisean-uisge a thogail aig an aon àm 's a bhathar a' dèanamh obair sgaoilidh air an lìonradh, agus a' cur sìos chàblaichean fon uisge thar Loch Dubhthaich, Loch Long, Loch Carrannn agus Loch Aillse.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd (Alba) Leasachadh Dealan-uisge 1943. Dh'fhoillsich Tòmas MacIain an Achd ann an Taigh nan Cumantan, 's e ag ràdh gun cuidicheadhadh a bhith a' cleachdadh cumhachd na sgìre gus na bha ceàrr air a' Ghàidhealtachd a chur ceart. Dh'inns MacIain dha na Cumantan gum biodh companaidhean poblach agus prìobhaideach air an tàladh dhan Ghàidhealtachd air sgàth an leasachaidh seo.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-cleachdaidh àbhaisteach, an uair sin acasan a bhiodh an dùil tòrr cumhachd a chleachdadh agus bhiodh cumhachd sam bith a bhiodh a chòrr air a reic ris a' ghriod nàiseanta. Bhiodh na prothaidean bhon dealan seo a bhiodh air a reic air a chleachdadh gus cosgaisean an dealan a sgaoileadh gu àiteachan nas iomallaiche a phàigheadh agus gus cuideachadh gus leasachaidhean eaconamach agus sòisealta a chur air chois anns a' Ghàidhealtachd. Thug an earrann shòisealta ainmeil seo aithne dhan Hydro Board mar dhòigh air togail a thoirt do cheann a tuath na h-Alba, agus nach e dìreach buidheann a bh' ann a bha a' toirt seachad seirbheis dealain.

Bha a' chumhachd a bha a' tighnn bho ionad cumhachd Loch Slòidh, an iar air Loch Laomainn, gu bhith air a chleachdadh gus feumalachdan dealain meadhan agus taobh siar na h-Alba a choileanadh. Bha a' chumhachd a bharrachd a chaidh a chruthachadh gu bhith air a reic gus pàigheadh airson nam pròiseactan ann am Mòrar agus ann an Loch Aillse bho nach robh coltas ann gum pàigheadh na pròiseactan seo a bha na bu lugha dhaibh fhèin. Bhathar a' dèanamh tuairmse gun cosgadh na trì pròiseactan seo £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Heileacoptair aig Tasgadh-uisge Gleann Udalain

ROS: Loch Aillse

1980an

dealan-uisge; Loch Aillse; Gleann Udalain; dam; heileacoptair; taigh-bhalbh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive