Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ag atharrachadh pumpa aig Dam Ghleann Udalain
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_8_009
ÀITE
Drochaid Nòsdaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8799
KEYWORDS
dealan-uisge
Loch Aillse
Gleann Udalain
dam
heileacoptair
taigh-bhalbh
Replacing pump at Gleann Udalain Dam

Chaidh an dealbh seo a thogail air beulaibh an taigh-bhalbh agus an dàm aig Gleann Udalain. Air an làimh chlì tha pìob a' dol sìos taobh na claise gu ruige an stèisea' chumhachd aig Drochaid Nostaidh. Aig an àm seo bha feum air tè dhe na bhalbhaichean anns an taigh-bhalbh a bhith air a h-atharrachadh agus bha feum ann an siostam a dhùnadh - an dam, a' phìob agus an stèisea' chumhachd. Bha uisge a' cruinneachadh air beulaibh an taigh-bhalbh, agus bha feum air pumpaichean a thoirt ann gus an t-uisge a bharrachd a bha seo a chur air falbh. Chaidh heileacoptair a thoirt a-steach gus pumpa ùr a thoirt chun an làraich. Tha am pumpa seo air a' chòmhdach le lìon, deiseil airson a thoirt air falbh.

Bha pròiseact dealan-uisge sgìre Loch Aillse stèidhichte aig Drochaid Nostaidh, sia mìle bho Chaol Loch Aillse. Thòisich obair air ann an 1946 an dèidh do chuirmaig an deach pòla oifigeil a chur suas anns a' Chèitean, agus chaidh an stèisean a chur gu dol anns an Dùbhlachd 1948. Bha dà dham anns na planaichean a chaidh a dhealbhadh an toiseach, ach cha robh an talamh freagarrach agus chaidh aon dam a thogail tarsainn air Allt Gleann Udalain. Chaidh an tasgadh-uisge, an dam agus an stèisean-uisge a thogail aig an aon àm 's a bhathar a' dèanamh obair sgaoilidh air an lìonraidh, agus a' cur sìos càblaichean fon uisge thar Loch Dubhthaich, Loch Long, Loch Carrann agus Loch Aillse.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd (Alba) Leasachadh Dealan-uisge 1943. Dh'fhoillsich Tòmas MacIain an t-Achd ann an Taigh nan Cumantan, 's e ag radh gun cuidicheadhadh a bhith a' cleachdadh cumhachd na sgìre gus na bha ceàrr air a' Ghàidhealtachd a chur ceart. Dh'innis MacIain dha na Cumantan gum biodh companaidhean poblach agus prìobhaideach air an tàladh dhan Ghàidhealtachd air sgàth an leasachaidh seo.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-cleachdaidh àbhaisteach, an uair sin acasan a bhiodh an dùil tòrr cumhachd a chleachdadh agus bhiodh cumhachd sam bith a bhiodh a chòrr air a reic ris a' ghriod nàiseanta. Bhiodh na prothaidean bhon dealain seo a bhiodh air a reic air a chleachdadh gus cosgaisean an dealan a sgaoileadh gu àiteachan nas iomallaiche a phàigheadh agus gus cuideachadh gus leasachaidhean eaconamach agus sòisealta a chur air chois anns a' Ghàidhealtachd. Thug an earrann shòisealta ainmeil seo aithne dhan Hydro Board mar dhòigh air togail a thoirt do cheann tuath na h-Alba, agus nach e dìreach buidheann a bh' ann a bha a' toirt seachad seirbheis dealain.

Bha a' chumhachd a bha a' tighnn bho ionad cumhachd Loch Slòidh, an iar air Loch Laomainn, gu bhith air a chleachdadh gus feumalachdan delain meadhan agus taobh siar na h-Alba a choileanadh. Bha a' chumhachd a bharrachd a chaidh a chruthachadh gu bhith air a reic gus pàigheadh airson nam pròiseactan ann am Mòrair agus Loch Aillse bho nach robh coltas ann gum pàigheadh na pròiseactan seo a bha na bu lugha dhaibh fhèin. Bhathar a' dèanamh tuairmse gun cosgadh na trì pròiseactan seo £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ag atharrachadh pumpa aig Dam Ghleann Udalain

ROS: Loch Aillse

1980an

dealan-uisge; Loch Aillse; Gleann Udalain; dam; heileacoptair; taigh-bhalbh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive