Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ag atharrachadh pumpa aig Dam Ghleann Udalain
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_8_010
ÀITE
Drochaid Nòsdaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8801
KEYWORDS
dealan-uisge
Loch Aillse
Gleann Udalain
heileacoptair
pumpa
Replacing pump at Gleann Udalain Dam

Chaidh an dealbh seo a thogail air beulaibh an dam agus an taigh-bhalbh aig Gleann Udalain, pàirt de Sgeama Dealain Uisge Loch Aillse. Chithear an taigh-bhalbh mu choinneamh an dam. Aig an àm seo bha feum air tè dhe na bhalbhaichean anns an taigh-bhalbh a bhith air atharrachadh agus bha feum ann an siostam a dhùnadh gus an obair seo a dhèanamh. Bha uisge a' cruinneachadh air beulaibh an taigh-bhalbh, agus bha feum air pumpaichean a thoirt ann gus an t-uisge a bharrachd a bha seo a chur air falbh. Anns an dealbh seo Chithear pump air a chòmhdach ann an lìon, leis an ropa ceangailte ris, deiseil airson a bhith air a thogail bhon bhalla agus air falbh bhon taigh-bhalbh agus bhon dam.

Bha pròiseact dealan-uisge sgìre Loch Aillse stèidhichte aig Drochaid Nostaidh, sia mìle bho Chaol Loch Aillse. Thòisich obair air ann an 1946 an dèidh do chuirmaig an deach pòla oifigeil a chur suas anns a' Chèitean, agus chaidh an stèisean a chur gu dol anns an Dùbhlachd 1948. Bha dà dham anns na planaichean a chaidh a dhealbhadh an toiseach, ach cha robh an talamh freagarrach agus chaidh aon dam a thogail tarsainn air Allt Gleann Udalain. Chaidh an tasgadh-uisge, an dam agus an stèisean-uisge a thogail aig an aon àm 's a bhathar a' dèanamh obair sgaoilidh air an lìonraidh, agus a' cur sìos càblaichean fon uisge thar Loch Dubhthaich, Loch Long, Loch Carrann agus Loch Aillse.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd (Alba) Leasachadh Dealan-uisge 1943. Dh'fhoillsich Tòmas MacIain an t-Achd ann an Taigh nan Cumantan, 's e ag radh gun cuidicheadhadh a bhith a' cleachdadh cumhachd na sgìre gus na bha ceàrr air a' Ghàidhealtachd a chur ceart. Dh'innis MacIain dha na Cumantan gum biodh companaidhean poblach agus prìobhaideach air an tàladh dhan Ghàidhealtachd air sgàth an leasachaidh seo.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-cleachdaidh àbhaisteach, an uair sin acasan a bhiodh an dùil tòrr cumhachd a chleachdadh agus bhiodh cumhachd sam bith a bhiodh a chòrr air a reic ris a' ghriod nàiseanta. Bhiodh na prothaidean bhon dealain seo a bhiodh air a reic air a chleachdadh gus cosgaisean an dealan a sgaoileadh gu àiteachan nas iomallaiche a phàigheadh agus gus cuideachadh gus leasachaidhean eaconamach agus sòisealta a chur air chois anns a' Ghàidhealtachd. Thug an earrann shòisealta ainmeil seo aithne dhan Hydro Board mar dhòigh air togail a thoirt do cheann tuath na h-Alba, agus nach e dìreach buidheann a bh' ann a bha a' toirt seachad seirbheis dealain.

Bha a' chumhachd a bha a' tighnn bho ionad cumhachd Loch Slòidh, an iar air Loch Laomainn, gu bhith air a chleachdadh gus feumalachdan delain meadhan agus taobh siar na h-Alba a choileanadh. Bha a' chumhachd a bharrachd a chaidh a chruthachadh gu bhith air a reic gus pàigheadh airson nam pròiseactan ann am Mòrair agus Loch Aillse bho nach robh coltas ann gum pàigheadh na pròiseactan seo a bha na bu lugha dhaibh fhèin. Bhathar a' dèanamh tuairmse gun cosgadh na trì pròiseactan seo £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ag atharrachadh pumpa aig Dam Ghleann Udalain

ROS: Loch Aillse

1980an

dealan-uisge; Loch Aillse; Gleann Udalain; heileacoptair; pumpa

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive