Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Heileacoptair A' Gluasad Pòla Dealan-Uisge chun an Làraich
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_8_013
ÀITE
Gleann Bharagail
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8806
KEYWORDS
dealan-uisge
càbaill
heileacoptair
Bhatairnis
Uibhist
Na Hearadh
Helicopter Transporting Hydro Pole to Site

Bha heileacoptairean a' faighinn cunnradh bho Bhòrd an Dealan-Uisge airson a bhith a' gluasad uidheam agus stuthan gu làraich nach robh furasta an ruighinn. An seo ann an Gleann Bharagil, dìreach deas air Port Rìgh san Eilean Sgitheanach, tha heileacoptair a' togail pòla dealan-uisge na àite nuair a bha an loidhne ùr tron eilean ga togail anns na 1990an. Tha an loidhne 123,000 bholtaids a' ruith à Bhatairnis ann an ceann tuath an Eilean Sgitheanaich gu Caol Readha sa cheann a deas. Ann an Caol Readha tha an càball fon uisge a' ruith gu tìr-mòr, agus aig tuath tha an càball air a sgaradh airson a dhol a dh'Uibhist a Deas agus Na Hearadh anns na h-Eileanan Siar.

Chaidh Bòrd Dealain-Uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealain-Uisge (Alba) 1943. Chuireadh am Bile air adhart ann an Taigh na Cumantan le Tòmas MacIain, a chur an cèill gum biodh seo na fhuasgladh do chuid de na duilgheadan a bha aig a' Ghaidhealtachd aig an àm, tro bhith a' cleachdadh "the great latent power of the region' gum biodh e na chuideachadh ann a bhith na leasachadh air duilgheadasan na Gàidhealtachd. Dh'innis MacIain do na Cumantan gum biodh agus gum bu chòir gum biodh, 'industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an tòisich agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd, agus gum bhiodh cumhachd sam bith a bharrachd air a reic ris a' chliath nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean gus an dealain a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconomach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidhinn a bhiodh a' toirt dealan.

Thathar an dùil gum biodh toradh an stèisein cumhachd ann an Loch Slòigh, an iar air Loch Laomainn, a' frithealadh iarrtas ann an meadhan na h-Alba agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' phrothaid bho dhealan sam bith a bharrachd air seo a chleachdadh mar shubsadaidh do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gun dèanadh iad prothaid. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Heileacoptair A' Gluasad Pòla Dealan-Uisge chun an Làraich

INBHIR NIS: Port Rìgh

1990an

dealan-uisge; càbaill; heileacoptair; Bhatairnis; Uibhist; Na Hearadh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive