- TIOTAL
- Heileacoptair a' gluasad pòla dealan-uisge gu làrach.
- EXTERNAL ID
- GB232_RAMSAY_D893_1_8_015
- ÀITE
- Gleann Bharagail
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Port Rìgh
- LINN
- 1990an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 8811
- KEYWORDS
- dealan-uisge
heileacoptairean
Gleann Bharagail
Na h-Eileanan Siar
càbaill

Chaidh an dealbh camara seo a thogail ann an Gleann Bharagil, deas air Port Rìgh san Eilean Sgitheanach. Tha heileacoptair a' togail pòla dealan-uisge air làrach airson a' phrìomh-loidhne ùr a tha a' ruith tron eilean. Tha Bòrd an Dealain a' fastadh heileacoptairean gu riaghailteach airson stuthan agus uidheam a ghluasad gu na làraich nach eil cho furasta an ruighinn. Mu thràth tha chuid mhath den stuth air a thoirt chun an làraich airson stèidh a chruthachadh airson pòlaichean an dealan-uisge a chumail air bhunailt nuair a tha iad nan àite. Tha a' phrìomh loidhne a' ruith à Bhatairnis ann an ceann a tuath an Eilean Sgitheanaich gu Caol Readha aig deas, agus a' ceangail ri fo-chàbaill do na h-Eileanan Siar agus tìr-mòr.
Chaidh Bòrd Dealain-Uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealain-Uisge (Alba) 1943. Chuireadh am Bile air adhart ann an Taigh na Cumantan le Tòmas MacIain, a chur an cèill gum biodh seo na fhuasgladh do chuid de na duilgheadan a bha aig a' Ghaidhealtachd aig an àm, tro bhith a' cleachdadh "the great latent power of the region' gum biodh e na chuideachadh ann a bhith na leasachadh air duilgheadasan na Gàidhealtachd. Dh'innis MacIain do na Cumantan gum biodh agus gum bu chòir gum biodh, 'industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.
Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an tòisich agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd, agus gum bhiodh cumhachd sam bith a bharrachd air a reic ris a' chliath nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean gus an dealain a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconomach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidhinn a bhiodh a' toirt dealan.
Thathar an dùil gum biodh toradh an stèisein cumhachd ann an Loch Slòigh, an iar air Loch Laomainn, a' frithealadh iarrtas ann an meadhan na h-Alba agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' phrothaid bho dhealan sam bith a bharrachd air seo a chleachdadh mar shubsadaidh do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gun dèanadh iad prothaid. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo.
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives