Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Heileacoptair a' cur a-mach uèirichean dealain
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_8_019
ÀITE
Stròlamas
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8820
KEYWORDS
dealan-uisge
heileacoptairean
Na h-Eileanan Siar
càbaill
Caol Readha
Helicopter reeling out electricity wires

Bha heileacoptairean a' faighinn cunnradh gu tric bho Bhòrd an Dealan-Uisge airson a bhith a' gluasad uidhean agus stuthan gu làraich nach robh furasta an ruighinn. An seo chithear heileacoptair a' cur a-mach an loidhne dealan-uisge mar phàirt de thogail an loidhne a tha a' ruith tron Eilean Sgitheanach. Tha a' phrìomh loidhne 123,000 bholtaids a' ruith à Bhatairnis aig tuath gu Caol Readh aig deas. Aig tuath tha an loidhne air a sgaradh agus tha càbaill fon uisge a' toirt an dealan gu Uibhist agus Na Hearadh. Aig deas tha càball fon uisge a' dol a-null gu Gleann Eilg air tìr-mòr.

Chaidh Bòrd Dealain-Uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealain-Uisge (Alba) 1943. Chuireadh am Bile air adhart ann an Taigh na Cumantan le Tòmas MacIain, a chur an cèill gum biodh seo na fhuasgladh do chuid de na duilgheadan a bha aig a' Ghaidhealtachd aig an àm, tro bhith a' cleachdadh "the great latent power of the region' gum biodh e na chuideachadh ann a bhith na leasachadh air duilgheadasan na Gàidhealtachd. Dh'innis MacIain do na Cumantan gum biodh agus gum bu chòir gum biodh, 'industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an tòisich agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd, agus gum bhiodh cumhachd sam bith a bharrachd air a reic ris a' chliath nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean gus an dealain a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconomach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidhinn a bhiodh a' toirt dealan.

Thathar an dùil gum biodh toradh an stèisein cumhachd ann an Loch Slòigh, an iar air Loch Laomainn, a' frithealadh iarrtas ann an meadhan na h-Alba agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' phrothaid bho dhealan sam bith a bharrachd air seo a chleachdadh mar shubsadaidh do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gun dèanadh iad prothaid. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Heileacoptair a' cur a-mach uèirichean dealain

INBHIR NIS: An Srath

1990an

dealan-uisge; heileacoptairean; Na h-Eileanan Siar; càbaill; Caol Readha

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive