Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Càblaichean Dealain-uisge
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_8_025
ÀITE
Ach nan Seileach
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Carrann
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8831
KEYWORDS
dealan-uisge
Loch Aillse
càblaichean dealain
Achadh nan Seileach
Hydro Electric Cables

Chaidh an dealbh seo a thogail faisg air Achadh nan Seileach. Bha uisge mòr air an abhainn a chur na tuil agus air bruaichean na h-aibhne a bhleith, a' ciallachadh gun robh cuid de bhun-stèidhean nam pòlaichean dealain fon uisge. Dh'fheumte pòlaichean dealain ùr a chur suas ann an àite eile. An seo, tha druma càbaill air a ceangal ri pòla agus tha uèir deiseil airson a cur bho phòla gu pòla.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd (Alba) Leasachadh Dealan-uisge 1943. Dh'fhoillsich Tòmas MacIain an Achd ann an Taigh nan Cumantan, 's e ag radh gun cuidicheadhadh a bhith a' cleachdadh cumhachd na sgìre gus na bha ceàrr air a' Ghàidhealtachd a chur ceart. Dh'innis MacIain dha na Cumantan gum biodh companaidhean poblach agus prìobhaideach air an tàladh dhan Ghàidhealtachd air sgàth an leasachaidh seo.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-cleachdaidh àbhaisteach, an uair sin acasan a bhiodh an dùil tòrr cumhachd a chleachdadh agus bhiodh cumhachd sam bith a bhiodh a chòrr air a reic ris a' ghriod nàiseanta. Bhiodh na prothaidean bhon dealain seo a bhiodh air a reic air a chleachdadh gus cosgaisean an dealan a sgaoileadh gu àiteachan nas iomallaiche a phàigheadh agus gus cuideachadh gus leasachaidhean eaconamach agus sòisealta a chur air chois anns a' Ghàidhealtachd. Thug an earrann shòisealta ainmeil seo aithne dhan Hydro Board mar dhòigh air togail a thoirt do cheann tuath na h-Alba, agus nach e dìreach buidheann a bh' ann a bha a' toirt seachad seirbheis dealain.

Bha a' chumhachd a bha a' tighnn bho ionad cumhachd Loch Slòidh, an iar air Loch Laomainn, gu bhith air a chleachdadh gus feumalachdan delain meadhan agus taobh siar na h-Alba a choileanadh. Bha a' chumhachd a bharrachd a chaidh a chruthachadh gu bhith air a reic gus pàigheadh airson nam pròiseactan ann am Mòrair agus Loch Aillse bho nach robh coltas ann gum pàigheadh na pròiseactan seo a bha na bu lugha dhaibh fhèin. Bhathar a' dèanamh tuairmse gun cosgadh na trì pròiseactan seo £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Càblaichean Dealain-uisge

ROS: Loch Carrann

1980an

dealan-uisge; Loch Aillse; càblaichean dealain; Achadh nan Seileach

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive