Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-obrach Bòrd Dealan-uisge
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_8_033
ÀITE
Ach nan Seileach
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Carrann
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8839
KEYWORDS
dealan-uisge
Achadh nan Seileach
Muskeg
Jacklit
cherry picker
Hydro Board Workers

Faisg air Achadh nan Seileach, an dèidh uisge mòr, tha an sgioba hydro ionadail ann gus na pòlaichean dealain a ghluasad. Tha e coltach gu bheil an 'jack lift' air a dhol am bogadh anns an talamh fhliuch, agus gu bheil an tractair Muskeg a chaidh ann gus a thoirt às air a dhol am bogadh cuideachd. Tha an dà charbad air an cleachdadh gu tric airson obair dealan-uisge air a' Ghàidhealtachd. Tha an tractair Muskeg a tha air a chleachdadh mar charbad obrach, air a dhealbhadh gus obair air talamh mar seo agus air boglaichean. Tha an carbad seo air ainmeachadh air talamh bog ann an ceann a tuath Chanada far a bheil na carbadan air an dèanamh. Tha luchd-obrach an Hydro an seo bho sgioba Loch Aillse le Sanaidh Moireach aig aghaidh na deilbh agus Teàrlach Coghill a' cumail sùil air gnothaichean.

Chaidh an dealbh seo a thogail faisg air Achadh nan Seileach, far an robh uisge mòr air milleadh a dhèanamh air loidhnichean dealain agus pòlaichean. Chaidh bruach aibhne a bhleith, agus thug sin air sruth na h-aibhne gluasad agus chuir sin pòlaichean dealain bho uisge. Dh'fhaodte a bhith air sruth na h-aibhne a ghluasad air falbh bho na pòlaichean, ach chaidh co-dhùnadh na pòlaichean agus na uèirichean a ghluasad gu àite nach biodh fo chunnart bho thuil. Leis an talamh bog fliuch, tha luchd-obrach nan loidhnichean a' deasbad dè an ath rud a bu chòir dhaibh a dhèanamh.

Bha pròiseact dealan-uisge sgìre Loch Aillse stèidhichte aig Drochaid Nostaidh, sia mìle bho Chaol Loch Aillse. Thòisich obair air ann an 1946 an dèidh do chuirmaig an deach pòla oifigeil a chur suas anns a' Chèitean, agus chaidh an stèisean a chur gu dol anns an Dùbhlachd 1948. Bha dà dham anns na planaichean a chaidh a dhealbhadh an toiseach, ach cha robh an talamh freagarrach agus chaidh aon dam a thogail tarsainn air Allt Gleann Udalain. Chaidh an tasgadh-uisge, an dam agus an stèisean-uisge a thogail aig an aon àm 's a bhathar a' dèanamh obair sgaoilidh air an lìonraidh, agus a' cur sìos càblaichean fon uisge thar Loch Dubhthaich, Loch Long, Loch Carrann agus Loch Aillse.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd (Alba) Leasachadh Dealan-uisge 1943. Dh'fhoillsich Tòmas MacIain an t-Achd ann an Taigh nan Cumantan, 's e ag radh gun cuidicheadhadh a bhith a' cleachdadh cumhachd na sgìre gus na bha ceàrr air a Ghàidhealtachd a chur ceart. Dh'innis MacIain dha na Cumantan gum biodh companaidh poblach agus prìobhaideach air an tàladh dhan Ghàidhealtachd air sgàth an leasachaidh seo.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-cleachdaidh àbhaisteach, nuair sin acasan a bhiodh an dùil tòrr cumhachd a chleachdadh agus bhiodh cumhachd sam bith a bhiodh a chòrr air a reic ris a' ghriod nàiseanta. Bhiodh na prothaidean bhon dealain seo a bhiodh air a reic air a chleachdadh gus na cosgaisean an dealan a sgaoilead gu àiteachan nas iomallaiche a phàigheadh agus gus uideachadh gus leasachaidhean eaconamach agus sòisealta a chur air chois anns a' Ghàidhealtachd. Thug an earrann shòisealta ainmeil seo aithne dhan Hydro Board mar dhòigh air togail a thoirt do cheann tuath na h-Alba, agus nach e dìreach buidheann a bh' ann a bha a' toirt seachad seirbheis dealain.

Bha a' chumhachd a bha a' tighnn bho ionad cumhachd Loch Sloy, an iar air Loch Laomainn, gu bhith air a chleachdadh gus feumalachdan delain meadhan agus taobh siar na h-Alba a choileanadh. Bha a' chumhachd a bharrachd a chaidh a chruthachadh gu bhith air a reic gus pàigheadh airson nam pròiseactan ann am Mòrair agus Loch Aillse bho nach robh coltas ann gum pàigheadh na pròiseactan seo a bha na bu lugha dhaibh fhèin. Bhathar a' dèanamh tuairmse gun cosgadh na trì pròiseactan seo £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-obrach Bòrd Dealan-uisge

ROS: Loch Carrann

1980an

dealan-uisge; Achadh nan Seileach; Muskeg; Jacklit; cherry picker

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive