Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-obrach Bòrd Dealan-uisge
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_8_034
ÀITE
Ach nan Seileach
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Carrann
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8841
KEYWORDS
dealan-uisge
Achadh nan Seileach
Muskeg
Jacklit
cherry picker
Hydro Board Workers

Faisg air Achadh nan Seileach, an dèidh do dh'uisge mòr, tha an sgioba hydro ionadail ann gus na pòlaichean dealain a ghluasad. Tha coltach gu bheil an 'jack lift' air a dhol am bogadh anns an talamh fhliuch, agus gu bheil an tractair Muskeg a chaidh ann gus a thoirt às air a dhol am bogadh cuideachd. Tha an dà charbad air an cleachdadh gu tric airson obair dealan-uisge air a' Ghàidhealtachd. Tha an tractair Muskeg a tha air a chleachdadh mar charbad obrach, air a dhealbhadh gus obair air talamh mar seo agus air boglaichean. Tha an carbad seo air ainmeachadh air talamh bog ann an ceann a tuath Chanada far a bheil na carbadan air an dèanamh.

Chaidh an dealbh seo a thogail faisg air Achadh nan Seileach, far an robh uisge mòr air milleadh a dhèanamh air loidhnichean dealain agus pòlaichean. Chaidh bruach aibhne a bhleith, agus thug sin air sruth na h-aibhne gluasad agus chuir sin pòlaichean dealain bho uisge. Dh'fhaodte a bhith air sruth na h-aibhne a ghluasad air falbh bho na pòlaichean, ach chaidh co-dhùnadh na pòlaichean agus na uèirichean a ghluasad gu àite nach biodh fo chunnart bho thuil. Leis an talamh bog fliuch, tha luchd-obrach nan loidhnichean a' deasbad dè an ath rud a bu chòir dhaibh a dhèanamh.

Bha pròiseact dealan-uisge sgìre Loch Aillse stèidhichte aig Drochaid Nostaidh, sia mìle bho Chaol Loch Aillse. Thòisich obair air ann an 1946 an dèidh do chuirmaig an deach pòla oifigeil a chur suas anns a' Chèitean, agus chaidh an stèisean a chur gu dol anns an Dùbhlachd 1948. Bha dà dham anns na planaichean a chaidh a dhealbhadh an toiseach, ach cha robh an talamh freagarrach agus chaidh aon dam a thogail tarsainn air Allt Gleann Udalain. Chaidh an tasgadh-uisge, an dam agus an stèisean-uisge a thogail aig an aon àm 's a bhathar a' dèanamh obair sgaoilidh air an lìonraidh, agus a' cur sìos càblaichean fon uisge thar Loch Dubhthaich, Loch Long, Loch Carrann agus Loch Aillse.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd (Alba) Leasachadh Dealan-uisge 1943. Dh'fhoillsich Tòmas MacIain an t-Achd ann an Taigh nan Cumantan, 's e ag radh gun cuidicheadhadh a bhith a' cleachdadh cumhachd na sgìre gus na bha ceàrr air a Ghàidhealtachd a chur ceart. Dh'innis MacIain dha na Cumantan gum biodh companaidh poblach agus prìobhaideach air an tàladh dhan Ghàidhealtachd air sgàth an leasachaidh seo.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-cleachdaidh àbhaisteach, nuair sin acasan a bhiodh an dùil tòrr cumhachd a chleachdadh agus bhiodh cumhachd sam bith a bhiodh a chòrr air a reic ris a' ghriod nàiseanta. Bhiodh na prothaidean bhon dealain seo a bhiodh air a reic air a chleachdadh gus na cosgaisean an dealan a sgaoilead gu àiteachan nas iomallaiche a phàigheadh agus gus uideachadh gus leasachaidhean eaconamach agus sòisealta a chur air chois anns a' Ghàidhealtachd. Thug an earrann shòisealta ainmeil seo aithne dhan Hydro Board mar dhòigh air togail a thoirt do cheann tuath na h-Alba, agus nach e dìreach buidheann a bh' ann a bha a' toirt seachad seirbheis dealain.

Bha a' chumhachd a bha a' tighnn bho ionad cumhachd Loch Sloy, an iar air Loch Laomainn, gu bhith air a chleachdadh gus feumalachdan delain meadhan agus taobh siar na h-Alba a choileanadh. Bha a' chumhachd a bharrachd a chaidh a chruthachadh gu bhith air a reic gus pàigheadh airson nam pròiseactan ann am Mòrair agus Loch Aillse bho nach robh coltas ann gum pàigheadh na pròiseactan seo a bha na bu lugha dhaibh fhèin. Bhathar a' dèanamh tuairmse gun cosgadh na trì pròiseactan seo £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-obrach Bòrd Dealan-uisge

ROS: Loch Carrann

1980an

dealan-uisge; Achadh nan Seileach; Muskeg; Jacklit; cherry picker

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive