Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-obrach an Dealan-Uisge a' càradh feansa aig Sabhal Mòr Ostaig
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_9_007
ÀITE
Ostaig
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Slèite
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8855
KEYWORDS
dealan-uisge
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
àite-còmhnaidh oileanaich
Gàidhlig
Àrainn Ostaig
Hydro workers mending a fence at Sabhal Mor Ostaig

Tràth anns na 1990an chaidh togalach ùr a thogail aig Sabhal Mòr Ostaig, Slèite san Eilean Sgitheanach gus an àireamh a bha a' sìor fhàs de dh'oileanaich a bha a' dèanamh cùrsaichean làn ùine agus cùrsaichean samhraidh a ghabhail. A thuilleadh air àite-còmhnaidh air an robh feum mhòr, bha seòmraichean òraid, agus goireasan stiùidio airson na prògraman craolaidh agus rannsachadh nam meadhanan ùr, anns an togalach a chaidh fhosgladh gu h-oifigeil san Dàmhair 1993. Bha sgioba ionadail an dealan-uisge air an làrach airson a' bhun-structair a thoirt a dh'fheumaist airson solar dealan a bharrachd. Tha Alasdair MacCoinnich, Daibhidh MacColla, Donnchadh MacRath agus Sandaidh Moireach air an sealltainn an seo a' càradh feansa a dh'fheumaist a leagail gus innealan agus uidheam a leigeil chun an làraich togail.

Chaidh Bòrd Dealain-Uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealain-Uisge (Alba) 1943. Chuireadh am Bile air adhart ann an Taigh na Cumantan le Tòmas MacIain, a chur an cèill gum biodh seo na fhuasgladh do chuid de na duilgheadan a bha aig a' Ghaidhealtachd aig an àm, tro bhith a' cleachdadh "the great latent power of the region' gum biodh e na chuideachadh ann a bhith na leasachadh air duilgheadasan na Gàidhealtachd. Dh'innis MacIain do na Cumantan gum biodh agus gum bu chòir gum biodh, 'industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an tòisich agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd, agus gum bhiodh cumhachd sam bith a bharrachd air a reic ris a' chliath nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean gus an dealain a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconomach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidhinn a bhiodh a' toirt dealan.

Thathar an dùil gum biodh toradh an stèisein cumhachd ann an Loch Slòigh, an iar air Loch Laomainn, a' frithealadh iarrtas ann an meadhan na h-Alba agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' phrothaid bho dhealan sam bith a bharrachd air seo a chleachdadh mar shubsadaidh do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gun dèanadh iad prothaid. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-obrach an Dealan-Uisge a' càradh feansa aig Sabhal Mòr Ostaig

INBHIR NIS: Slèite

1990an

dealan-uisge; Sabhal Mòr Ostaig; Slèite; àite-còmhnaidh oileanaich; Gàidhlig; Àrainn Ostaig

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive