Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgeama Dealain Loch Aillse
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_10_00A
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
An Cèitean 1946
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8871
KEYWORDS
hydro-electric
construction
Lochalsh
Stirling of Fairburn
Lochalsh Electricity Distribution Scheme

Anns a' Chèitean 1946, chaidh fàilteachas togail phòlaichean a chur air dòigh le Bòrd Dealain Ceann a Tuath na h-Alba ann am Mòrar agus Loch Aillse gus toiseach an sgeama-togail a bheireadh dealan do na sgìrean seo a chomharrachadh. Tha an clàr air a' phòla-dealain ann an Loch Aillse ag ràdh: This, the first pole of the Lochalsh Electricity Distribution Scheme of the North of Scotland uisge-Electric Board was erected by Mrs Stirling of Fairburn on 22nd May 1946. Thòisich obair goirid an dèidh seo agus chaidh an dealan a chur air anns an Dùbhlachd 1948.

Chaidh Bòrd Dealain Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fon Achd Leasachadh Dealain uisge (Alba) 1943. Chuir Tòmas MacIain an Achd air beulaibh Taigh nan Cumantan a' dèanamh soilleir gun toireadh e taic a' fuasgladh bochdainn nan Gàidhealtachd ann a bhith a' dèanamh feum den 'the great latent power of the region'. Dh'inns MacIain do na Cumantan, 'industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-cleachdaidh cumanta an toiseach leis an luchd-cleachdaidh na bu mhotha ris an robhar an dùil as an dèidh agus bhiodh cumhachd a bha air fhàgail air a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Chuidicheadh prothaidean bho na dheaghadh a reic ann a bhith a' lùghdachadh nan cosgaisean airson dealan a thoirt gu àitichean iomallach agus chuidicheadh iad leasachadh eaconamach agus suidheachadh nan daoine anns a' Ghàidhealtachd. Bha an t-amas ainmeil sòisealta seo a' sònrachadh Bòrd an Dealain mar innleachd airson leasachadh Ceann a Tuath na h-Alba a bharrachd air companaidh airson dealan a thoirt seachad.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Sloy, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' chumhachd a bharrachd air a chleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhith prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì phròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgeama Dealain Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1940an

hydro-electric; construction; Lochalsh; Stirling of Fairburn

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive