Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Soitheach Càbaill an 'Galataire' far Chaol Loch Aillse
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_10_001A
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8877
KEYWORDS
Dealan-uisgeach
Cable Ship 'Galataire' off Kyle of Lochalsh

San dealbh-chamara seo tha an soitheach an Galataire air acair air beulaibh nan Eileanan Dubha ann an Loch Aillse. Bha an soitheach, air fhasdadh le Bòrd an Dealain-uisge, air a chleachdadh gus càballan solar an dealain a chur fon mhuir. Ann an Loch Aillse, tha an càball a' tighinn gu tìr aig Bàgh Scalpaigh air tir-mòr, beagan gu deas air Caol Loch Aillse, agus air an taobh eile aig Loch na Bèiste faisg air Caol Àcain air an Eilean Sgitheanach. Chan eil an càball seo, air a chur ann ann an 1947, fhathast na phrìomh sholar aig an eilean: tha càball nas ùire de bholtaids 123,000, na ruith tron Eilean Sgitheanach o Bhatairnis gu ruig Caol Reithe. Aig an Àird Mhòir, faisg air Bhatairnis, tha an càball a' dol na dhà ghobhal gus solar a chur do dh'Uibhist a Deas agus do na Hearadh sna h-Eileanan an Iar, agus san Eilean Sgitheanach gu deas tha àn caball a' ceangal ri tir-mòr tro chàball fon mhuir gu ruig Gleann Eilg.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo chumhachd Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le fear Tòmas MacIain aig Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de dhuilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm le bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhithth air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig an fheadhainn a bhathas an dùil a chleachdadh tòrr mòr cumhachd. Dheigheadh cumhachd sam bith a bha air fhàgail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhathas airson gun deigheadh prothaidean bho bhith a' reic an dealain seo a chleachdadh gus cosgaisean an lùib a bhithth a' cumail dealan ri àiteachan iomallach a lùghdachadh agus gus cuideachadh a thoirt do leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clas sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' coimhead air a' Bhòrd mar dhòigh air a bhithth a' toirt ath-bheothachadh air ceann a tuath na h-Alba, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann cruthachadh dealain.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Slòigh, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh cumhachd a bharrachd air a chleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhithth prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì phròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Soitheach Càbaill an 'Galataire' far Chaol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1980an

Dealan-uisgeach;

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive