Ùrachadh mu Dheireadh 30/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Soitheach taic-daibhidh far Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_10_004C
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8881
KEYWORDS
dealan-uisge
soitheach taic-dàibhidh
càballan-dealain
Bàgh Scalpaigh
Caisteal a' Mhaoil
Diving support vessel off Kyle of Lochalsh

Tha an dealbh seo a' sealltainn soitheach taic-daibhidh ann an Loch Aillse leis na h-Eileanan Dubha agus an t-Eilean Sgitheanach air a chùl. Bha an soitheach seo, a bha fo chùmhnant aig Bòrd an Dealan-uisge, air a cleachdadh gus sgrùdadh a dhèanamh air a' chàball dealain fon mhuir a bha dol o Bhàgh Scalpaigh, faisg air Caol Loch Aillse gu Loch na Bèiste, faisg air Caol Àcain anns an Eilean Sgitheanach.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am bile a chur air adhart le Tòmas Johnston an Taigh nan Cumantan, a chur an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de na duilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm tro bhith a' cleachdadh 'comas mòr fhalaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum bitheadh agus gum bu chòir gum bitheadh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh mòran cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic ris a' ghriod nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean an dealan a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos, agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dhòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann a bhiodh a' cruthachadh dealan.

Bhathar an dùil gum biodh toradh an stèisein cumhachd ann an Loch Slòigh a' frithealadh iarrtas ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh cumhachd sam bith a chòrr an seo air a chleachdadh gus taic a thoirt do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gum b' urrainn dhaibh prothaid a dhèanamh. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Soitheach taic-daibhidh far Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1990an

dealan-uisge; soitheach taic-dàibhidh; càballan-dealain; Bàgh Scalpaigh; Caisteal a' Mhaoil

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive