Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' comharrachadh cur suas a' phola, Mòrar
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_10_023
ÀITE
Mòrar
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Gleann Eilg
DEIT
An Cèitean 1946
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8922
KEYWORDS
hydro-electric
Morar
Lady Hermione Cameron of Lochiel
Tom Johnston
Hydro-electric pole raising ceremony, Morar

Anns a' Chèitean 1946 chomharraich Bòrd Dealain Ceann a Tuath na h-Alba toiseach leasachadh dealan uisge ann an taobh an iar na h-Alba le fàilteachas togail phòlaichean ann am Mòrar agus Loch Aillse. Bha an stèisean-cumhachd airson sgìre Mhòrar a bha a' ruith à Malaig gu ruige Loch Ailleart, suidhichte ri taobh Eas Mhòrar. Tha an dealbh seo, a chaidh a thogail aig fàilteachas Mhòrar, a' sealltainn an t-sluaigh a thàinig a-mach gus an tachartas sònraichte seo fhaicinn. Chithear pòlaichean telegraf air gach taobh dhen phòla uisge.

Chaidh Bòrd Dealain Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fon Achd Leasachadh Dealan uisge (Alba) 1943. Chuir Tòmas MacIain an Achd air beulaibh Taigh nan Cumantan a' dèanamh soilleir gun toireadh e taic a' fuasgladh bochdainn na Gàidhealtachd le bhith a' dèanamh feum den 'the great latent power of the region'. Dh'inns MacIain do na Cumantan, 'industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-cleachdaidh cumanta an toiseach leis an luchd-cleachdaidh na bu mhotha ris an robhar an dùil as an dèidh agus bhiodh cumhachd a bha air fhàgail air a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Chuidicheadh prothaidean bho na dheaghadh a reic ann a bhith a' lùghdachadh nan cosgaisean airson dealan a thoirt gu àitichean iomallach agus chuidicheadh iad leasachadh eaconamach agus suidheachadh nan daoine anns a' Ghàidhealtachd. Bha an t-amas ainmeil sòisealta seo a' sònrachadh Bòrd an Dealain mar innleachd airson leasachadh Ceann a Tuath na h-Alba a bharrachd air companaidh airson dealan a thoirt seachad.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Sloy, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' chumhachd a bharrachd air a chleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhith prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì phròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' comharrachadh cur suas a' phola, Mòrar

INBHIR NIS: Gleann Eilg

1940an

hydro-electric; Morar; Lady Hermione Cameron of Lochiel; Tom Johnston

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive