Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Hydro Electric Exhibition

'S cinnteach gun deach an dealbh seo a thogail aig fèill bheag àiteachais samhraidh. Mar a chaidh mòran stèiseanan cumhachd an togail gu luath sna 1950an, bha na loidhnichean cumhachd a' sgaoileadh tron Ghàidhealtachd, a' toirt leotha cothrom do choimhearsnachdan sa h-uile h-àite air a' chumhachd shaor seo. Bha Bòrd Dealain-Uisge Alba a Tuath trang a' moladh cleachdadh an dealain a h-uile ceum.

A bharrachd air bùithean an Dealain-Uisge a' nochdadh air a h-uile prìomh shràid sna bailtean, bha bhanaichean mar seo ri fhaicinn aig cruinneachaidhean ionadail. Tha an taobh a-staigh, tha e coltach, air uidheamachadh leis a h-uile inneal ùr don taigh, agus le deilbh-chlàir air an taobh a-muigh a' sealltainn mar a ghabhadh an dealan a chleachdadh airson àiteachais. 'S cinnteach gur e an tè sa chòta gheal neach-obrach Bhòrd an Dealain a bha deiseil a shealltainn mòran de na h-innealan ùra iongantach.

Chaidh Bòrd Dealain-uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealain-uisge (Alba) 1943. Chaidh am bile a chur air adhart le Tòmas Johnston an Taigh nan Cumantan, a chur an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de na duilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm tro bhith a' cleachdadh 'comas mòr fhalaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic ris a' ghriod nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean an dealan a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dhòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann a bhiodh a' cruthachadh dealan.

Bhathar an dùil gum biodh toradh stèisean a' chumhachd ann an Loch Slòigh a' frithealadh iarrtas ann an meadhan na h-Alba agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' phrothaid bho dhealan sam bith a bharrachd air seo a rachadh a reic air a chleachdadh mar shubsadaidh do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gun dèanadh iad prothaid. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taisbeanadh an Dealain-Uisge

1950an

Baile na h-Eaglaise; taisbeanadh àiteachais; dealan-uisge; Bòrd Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba; Dealan-uisge na h-Alba plc; 'Southern Electric plc'; 'Scottish and Southern Energy plc'; 1943; 1989; 1998

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive