Ùrachadh mu Dheireadh 22/06/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Election Literature, 1874: "Charles Fraser MacKintosh - the Workmen's Candidate"

Chaidh a' bhileag taghaidh seo fhoillseachadh le Teàrlach Friseal Mac an Tòisich, tagraiche ann an Taghadh Coitcheann 1874 airson Bailtean Inbhir Nis. Anns a' bhileig, tha e a' cumail a-mach gur e guth an neach-obrach a th' ann - buidheann a fhuair còir bhòtaidh mar thoradh air Achd Ath-leasachaidh, 1867. Thathar a' dèanamh coimeas air beachd Fhriseil Mhic an Tòisich (no 'Fear Dhruiminn') agus beachd a' phrìomh cho-fharpaisich, Mac an Tòisich an Ràthaig Mhòir, air Achd Atharrachaidh Lagh Eucorach, 1871.

Dh'aithnich Achd nan Aonaidhean Ciùird, 1871, aonaidhean mar bhuidhnean laghail le còir seilbh is maoin a bhith aca. Bha cead laghail aig Aonaidhean na rudan seo a dhìon tron lagh agus gus stailcean a chumail. Chaidh Achd Atharrachaidh Lagh Eucorach, 1871, aontachadh air an aon latha, ge-tà, agus b' e buaidh na h-Achd gun deach an comas stailcean a chumail a thoirt air falbh. Ged a b' urrainnear stailcean a chumail fo Achd nan Aonaidhean Ciùird, thoirmisg an darna reachd seo piceadadh de sheòrsa sam bith (fiù 's piceadadh sìtheil) agus dh'fhàg seo buill nan aonaidhean ciùird a cheart cho fosgailte do chasaidean eucoir agus a bha iad roimhe. Chaidh an Achd ais-ghairm ann an 1875.

B' e toradh an taghaidh airson Bailtean Inbhir Nis (a' gabhail a-steach Inbhir Nis, Inbhir Nàrann, Farrais is A' Chananaich):

Friseal Mac an Tòisich (Libearalach neo-eisimeileach) - 1,134
Mac an Tòisich an Ràthaig Mhòir (Libearalach) - 879
Mac an Tòisich an Tuilm (Tòraidh) - 16

Fhuair na Libearalaich aig Uilleam Gladstone a' mhòr-chuid de na bhòtaichean san taghadh, ach fhuair na Tòraidhean aig Benjamin Disraeli a' mhòr-chuid ann an Taigh nan Cumantan. 'S e pàirt mòr den adhbhar gun d' fhuair iad iomadh roinn-taghaidh gun fharpais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Foillseachaidhean Taghaidh, 1874: "Teàrlach Friseal Mac an Tòisich - Tagraiche an Neach-obrach"

1870an

taghaidhean; poilitigs; luchd-poilitigs; pàrtaidhean poilitigeach; aonaidhean-ciùird; stailcean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Papers relating to the political career of Charles Fraser Mackintosh