Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taisbeanadh Bhòrd an Dealain-Uisge aig a' Chlachan Aillseach no Kirkton, faisg air Baile Mac Ara
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_10_031
ÀITE
An Clachan Aillseach
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8938
KEYWORDS
Baile na h-Eaglaise
taisbeanadh àiteachais
dealan-uisge
Hydro Electric Exhibition at Kirkton, near Balmacara

Anmoch sna 1950an bha stèiseanan cumhachd an dealain-uisge air an togail fad na h-ùine, le mun cuairt air ceithir stèiseanan ùra air an òrdachadh gach bliadhna thairis air na deich bliadhna sin. B' e feallsanachd Bòrd Dealain-Uisge Alba a Tuath gun stialladh iad air adhart aig astar fhiadhaich fhad 's a bha an cothrom ann air airgead on riaghaltas agus fhad 's nach robh mòran na aghaidh. Mar thoradh air sin bha leasachadh ann gun choimeas agus thàinig amas tùsail a' Bhùird gu buil: 's e sin a bhith a' solarachadh dealain shaoir don Ghàidhealtachd.

Ghabh Bòrd an Dealain-Uisge a h-uile cothrom a bhith a' brosnachadh cleachdadh an dealain san dachaigh, san ionad obrach agus airson adhbharan àiteachais. A bharrachd air bùithean an Dealain-Uisge a' nochdadh air a h-uile prìomh shràid sna bailtean, bha am Bòrd a' cur air bhonn taisbeanaidhean sna tallannan agus aig fèillean àiteachais is làithean fèille eile far am biodh cothrom aig daoine na h-innealan ùra fhaicinn ag obair. San dealbh seo chithear toirt-seachad nan duaisean aig fèill bhliadhnail àiteachais a' Chlachain Aillsich, faisg air Baile Mac Ara. Bha Bòrd an Dealain-Uisge gu math follaiseach leis na bhanaichean aca a' sealltainn ainm agus suaicheantas a' Bhùird gu mòr, agus gun teagamh, bhiodh taisbeanaidhean ann don mhòr-shluagh.

Chaidh Bòrd Dealain-uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealain-uisge (Alba) 1943. Chaidh am bile a chur air adhart le Tòmas Johnston an Taigh nan Cumantan, a chur an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de na duilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm tro bhith a' cleachdadh 'comas mòr fhalaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic ris a' ghriod nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean an dealan a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dhòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann a bhiodh a' cruthachadh dealan.

Bhathar an dùil gum biodh toradh stèisean a' chumhachd ann an Loch Slòigh a' frithealadh iarrtas ann an meadhan na h-Alba agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' phrothaid bho dhealan sam bith a bharrachd air seo a rachadh a reic air a chleachdadh mar shubsadaidh do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gun dèanadh iad prothaid. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taisbeanadh Bhòrd an Dealain-Uisge aig a' Chlachan Aillseach no Kirkton, faisg air Baile Mac Ara

ROS: Loch Aillse

1950an

Baile na h-Eaglaise; taisbeanadh àiteachais; dealan-uisge

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive