Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dà òran a' comharrachadh gun deach còir bhòtaidh a thoirt do dh'fhir clas-obrach
EXTERNAL ID
Z_QZP40_2915_P021
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8941
KEYWORDS
suffrage
taghaidhean
poilitigs
luchd-poilitigs
aonaidhean-ciùird
Two songs celebrating the extension of the franchise to working-class men

Tha na h-òrain seo "The Flag of Labour" agus "The Workman on the Lookout" a' dèanamh gàirdeachas gun deach còir bhòtaidh a thoirt do dh'fhir a' chlas-obrach (mar thoradh air Achd a' Bhaileit, 1867) agus gun tug seo saorsa ùr dhaibh. Chaidh an dà òran fhoillseachadh ann an Inbhir Nis goirid ro Thaghadh Coitcheann 1874 le 'Son of Toil' (is dòcha gur e Crìsdean Taggart a bh' ann) agus tha iad a' càineadh an t-seasaimh aig Mac an Tòisich an Ràthaig Mhòir. B' esan fear de dhithis thagraichean Libearalach a sheas airson na seat seo ged a bhathar a' cur às a leth gu robh prionnsabalan nas Tòraidhiche no Cuigiche aige. Anns an rann mu dheireadh, tha an t-ùghdar a' moladh neach-dùbhlain Fear an Ràthaig Mhòir, Teàrlach Friseal Mac an Tòisich Dhruiminn: "For the brows of brave Drummond may liberty twine The shamrock, rose, thistle, and vine; Charles Fraser MacKintosh will sign the decree That tear chains off the workmen, and bid them free."

B' e toradh an taghaidh airson Bailtean Inbhir Nis (a' gabhail a-steach Inbhir Nis, Inbhir Nàrann, Farrais is A' Chananaich):

Friseal Mac an Tòisich (Libearalach neo-eisimeileach) - 1,134
Mac an Tòisich an Ràthaig Mhòir (Libearalach) - 879
Mac an Tòisich an Tuilm (Tòraidh) - 16

Fhuair na Libearalaich aig Uilleam Gladstone a' mhòr-chuid de na bhòtaichean san taghadh, ach fhuair na Tòraidhean aig Benjamin Disraeli a' mhòr-chuid ann an Taigh nan Cumantan. 'S e pàirt mòr den adhbhar gun d' fhuair iad iomadh roinn-taghaidh gun fharpais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dà òran a' comharrachadh gun deach còir bhòtaidh a thoirt do dh'fhir clas-obrach

1870an

suffrage; taghaidhean; poilitigs; luchd-poilitigs; aonaidhean-ciùird

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Papers relating to the political career of Charles Fraser Mackintosh