Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' comharrachadh a' cur an dealain air, Caol Àcain
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_10_033
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
DEIT
6 An Cèitean 1947
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8942
KEYWORDS
hydro-electric
Tom Johnston
Kyleakin
Lady MacKenzie
Sir Hugh MacKenzie
Hydro-electric switching-on ceremony, Kyleakin

Bha gineadairean beaga ann an cuid de na sgìrean beaga coltach ri Caol Loch Aillse a bhiodh a' toirt dealan do ghrunn thaighean mus do ghabh Bòrd Dealain Ceann a Tuath na h-Alba thairis cruthachadh agus solar an dealain. Leasaich am Bòrd na gineadairean beaga seo ann an 1947 gus dealan fhaighinn a Chaol Àcainn le càbal fon mhuir às a' Chaol. Bha seo ann gus an do dh'fhosgail an stèisean cumhachd aig Ceann na Mòna anns an Dùbhlachd 1948 a bha ann gus an do dh'fhosgail an stèisean dealain aig Lochan an Stòrr anns an Eilean Sgitheanach.

Chaidh Bòrd Dealain Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fon Achd Leasachadh Dealan uisge (Alba) 1943. Chuir Tòmas MacIain an Achd air beulaibh Taigh nan Cumantan a' dèanamh soilleir gun toireadh e taic a' fuasgladh bochdainn na Gàidhealtachd le bhith a' dèanamh feum den 'the great latent power of the region'. Dh'inns MacIain do na Cumantan, 'industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-cleachdaidh cumanta an toiseach leis an luchd-cleachdaidh na bu mhotha ris an robhar an dùil as an dèidh agus bhiodh cumhachd a bha air fhàgail air a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Chuidicheadh prothaidean bho na dheaghadh a reic ann a bhith a' lùghdachadh nan cosgaisean airson dealan a thoirt gu àitichean iomallach agus chuidicheadh iad leasachadh eaconamach agus suidheachadh nan daoine anns a' Ghàidhealtachd. Bha an t-amas ainmeil sòisealta seo a' sònrachadh Bòrd an Dealain mar innleachd airson leasachadh Ceann a Tuath na h-Alba a bharrachd air companaidh airson dealan a thoirt seachad.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Sloy, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' chumhachd a bharrachd air a chleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhith prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì phròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' comharrachadh a' cur an dealain air, Caol Àcain

INBHIR NIS: An Srath

1940an

hydro-electric; Tom Johnston; Kyleakin; Lady MacKenzie; Sir Hugh MacKenzie

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive