Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Election Literature, 1874: "To the Working Men of Inverness", a letter in support of Charles Fraser MacKintosh, no. 1

Tha an litir gun ainm seo, a chaidh fhoillseachadh re iomairt Taghaidh Coitcheann 1874 ann an sgìre-taghaidh Bailtean Inbhir Nis, ag iarraidh air luchd-bhòtaidh a' chlas-obrach taic a thoirt do Theàrlach Friseal Mac an Tòisich, fear de dhithis thagraichean Libearalach. Tha an t-ùghdar a' mìneachadh gur e seo a' chiad taghadh a tha a' cleachdadh baileat dìomhair agus mar sin, gum faod luchd-bhòtaidh na beachdan aca a chur an cèill gun eagal a bhith orra ro na dhèanadh an luchd-fastaidh. Thathar a' cur às leth Mhic an Tòisich an Ràthaig Mhòir gun do bhris e na geallaidhean aige gum feuchadh e ri àrdachadh fhaighinn ann an tuarastal luchd-obrach na rèile agus gum feuchadh e ri feabhas a chur air libhrigeadh a' phuist. Thathar ag ràdh gu bheil teist dearbhte aige a thaobh na rinn e gus beartas ath-riarachadh don luchd-obrach agus a thaobh na rinn e gus am baile a dhèanamh nas bòidhche agus nas beartaiche. Bha Friseal Mac an Tòisich airson còir-bhòtaidh a thoirt do luchd-saothrach àiteachail, poileasaidh ris nach robh Fear an Ràthaig Mhòr ag aontachadh.

B' e toradh an taghaidh airson Bailtean Inbhir Nis (a' gabhail a-steach Inbhir Nis, Inbhir Nàrann, Farrais is A' Chananaich):

Friseal Mac an Tòisich (Libearalach neo-eisimeileach) - 1,134
Mac an Tòisich an Ràthaig Mhòir (Libearalach) - 879
Mac an Tòisich an Tuilm (Tòraidh) - 16

Fhuair na Libearalaich aig Uilleam Gladstone a' mhòr-chuid de na bhòtaichean san taghadh, ach fhuair na Tòraidhean aig Benjamin Disraeli a' mhòr-chuid ann an Taigh nan Cumantan. 'S e pàirt mòr den adhbhar gun d' fhuair iad iomadh roinn-taghaidh gun fharpais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Foillseachaidhean Taghaidh, 1874: "Gu Luchd-obrach Inbhir Nis", litir a' toirt taic do Theàrlach Friseal Mac an Tòisich, àireamh 1

1870an

taghaidhean; poilitigs; luchd-poilitigs; pàrtaidhean poilitigeach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Papers relating to the political career of Charles Fraser Mackintosh