Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Foillseachaidhean Taghaidh, 1874:"Gu Luchd-obrach Inbhir Nis", litir a' toirt taic do Mhac an Tòisich an Ràthaig Mhòir
EXTERNAL ID
Z_QZP40_2915_P027
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8946
KEYWORDS
taghaidhean
poilitigs
luchd-poilitigs
pàrtaidhean poilitigeach
Election Literature, 1874: "To the Working Class Electors",  a letter in support of MacKintosh of Raigmore

Tha an litir gun ainm seo, a chaidh fhoillseachadh re iomairt Taghadh Coitcheann 1874, ag iarraidh air luchd-bhòtaidh a' chlas-obrach taic a thoirt do dh'Aonghas Mac an Tòisich an Ràthaig Mhòir, fear de dhithis thagraichean Libearalach airson seat phàrlamaideach Bailtean Inbhir Nis. Chan eil an t-ùghdar a' cur suim sam bith anns a' bheachd gun toir luchd-bhòtaidh clas-obrach taic don tagraiche Thòraidheach, Mac an Tòisich an Tuilm, ged a tha fear an Tuilm air a bhith a' sireadh taic bhuapa. Thathar a' moladh riaghaltas Ghladstone airson na rinn iad gus tuarastal an luchd-obrach àrdachadh agus gus prìsean bìdh ìsleachadh. Tha an t-ùghdar gu math amharasach gu robh Teàrlach Friseal Mhac an Tòisich na Thòraidh mus do thionndaidh e gu bhith na Libearalach agus tha e teagmhach mu cho fìor agus a tha na prionnsabalan Libearalach aige. Thathar a' dèanamh dealbh de Mhac an Tòisich an Ràthaig Mhòir, ge-tà, mar Libearalach "daingeann" agus mar neach-taic dìleas do Ghladstone.

B' e toradh an taghaidh airson Bailtean Inbhir Nis (a' gabhail a-steach Inbhir Nis, Inbhir Nàrann, Farrais is A' Chananaich):

Friseal Mac an Tòisich (Libearalach neo-eisimeileach) - 1,134
Mac an Tòisich an Ràthaig Mhòir (Libearalach) - 879
Mac an Tòisich an Tuilm (Tòraidh) - 16

Fhuair na Libearalaich aig Uilleam Gladstone a' mhòr-chuid de na bhòtaichean san taghadh, ach fhuair na Tòraidhean aig Benjamin Disraeli a' mhòr-chuid ann an Taigh nan Cumantan. 'S e pàirt mòr den adhbhar gun d' fhuair iad iomadh roinn-taghaidh gun fharpais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Foillseachaidhean Taghaidh, 1874:"Gu Luchd-obrach Inbhir Nis", litir a' toirt taic do Mhac an Tòisich an Ràthaig Mhòir

1870an

taghaidhean; poilitigs; luchd-poilitigs; pàrtaidhean poilitigeach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Papers relating to the political career of Charles Fraser Mackintosh