Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Foillseachaidhean Taghaidh, 1874:"Gu Luchd-obrach Inbhir Nis", litir a' toirt taic do Mhac an Tòisich an Ràthaig Mhòir
EXTERNAL ID
Z_QZP40_2915_P028
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8948
KEYWORDS
taghaidhean
poilitigs
luchd-poilitigs
pàrtaidhean poilitigeach
Election Literature, 1874: "To the Working Men of Inverness", a letter in support of MacKintosh of Raigmore

Chaidh an litir gun ainm seo, a chaidh fhoillseachadh rè iomairt Taghaidh Coitcheann 1874, ag iarraidh air luchd-taghaidh a' clas-obrach taic a thoirt do dh'Aonghas Mac an Tòisich an Ràthaig Mhòir, fear de dhithis thagraichean Libearalach airson seata pàrlamaideach Bailtean Inbhir Nis. Anns an litir, tha an t-ùghdar a' magadh air an tuairisgeul gun do chosg an tagraiche Libearalach eile, Teàrlach Friseal Mac an Tòisich, "na ceudan de mhìltean notaichean" anns an sgìre. Ach thathar a' moladh Mac an Tòisich an Ràthaig Mhòir airson a thaic do dh'obraichean poblach (gu h-àraidh togail rathaidean-iarainn air a' Ghàidhealtachd) agus airson an airgid a chur e an sàs annta. Tha Fear an Ràthaig Mhòir air a mholadh cuideachd airson "nan gnìomhan carthannach poblach is prìobhaideach" aige, a' gabhail a-steach tabhartas susbainteach do dh'Ospadal Inbhir Nis. Thathar a' cur cuideam air mar a bha Friseal Mac an Tòisich uair na Thòraidh agus gu h-àraidh mar a bha e na bhall den Junior Carlton Club rud a tha gu math amharasach ann am beachd an ùghdair. Thathar a' dèanamh coimeas ri Fear Ràthaig Mhòir air a bheilear a' toirt dealbh mar "Libearalach dìleas dearbhte".

B' e toradh an taghaidh airson Bailtean Inbhir Nis (a' gabhail a-steach Inbhir Nis, Inbhir Nàrann, Farrais is A' Chananaich):

Friseal Mac an Tòisich (Libearalach neo-eisimeileach) - 1,134
Mac an Tòisich an Ràthaig Mhòir (Libearalach) - 879
Mac an Tòisich an Tuilm (Tòraidh) - 16

Fhuair na Libearalaich aig Uilleam Gladstone a' mhòr-chuid de na bhòtaichean san taghadh, ach fhuair na Tòraidhean aig Benjamin Disraeli a' mhòr-chuid ann an Taigh nan Cumantan. 'S e pàirt mòr den adhbhar gun d' fhuair iad iomadh roinn-taghaidh gun fharpais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Foillseachaidhean Taghaidh, 1874:"Gu Luchd-obrach Inbhir Nis", litir a' toirt taic do Mhac an Tòisich an Ràthaig Mhòir

1870an

taghaidhean; poilitigs; luchd-poilitigs; pàrtaidhean poilitigeach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Papers relating to the political career of Charles Fraser Mackintosh