Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bhan an Dealan-uisge air Rathas Shìldeig
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_11_004
ÀITE
Ceann Loch Damh
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8954
KEYWORDS
dealan-uisge
bhan
Ceann Loch Damh
Hydro Electric Van on Shieldaig Road

Ro mheadhan nan 1950an bha dealan a' ruighinn ceàrnaidhean den Ghàidhealtachd a bha gu math iomallach anns nach robh mòran dhaoine. B' e raon-dleastanais Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba gum biodh na ceàrnaidhean sin air an toirt a-steach gus buannachdan an dealain fhaighinn. Chaidh an dealan a chur air ann an 1955 air rudha na Comraich le mìltean de chàbaill agus pòlaichean a' gearradh tro fhearann fiadhaich anns nach robh duine a' fuireach gus coimhearsnachdan beaga a ruighinn.

Chaidh an dealbh seo a thogail air a' phrìomh rathad eadar Loch Carran agus Sìldeag. Tha a' bhan a tha a' giùlan cucair a' tionndadh dhen rathad gu ftith-rathad cumhang a tha a' dol gu Ceann Loch Damh. Gus an ceann-uidhe a ruighinn deigheadh am bhan fhàgail, thionndaidheadh an rathad gu ceum agus dheigheadh an cucair a ghiùlan na mìltean mu dheireadh gu taigh-croite iomallach. 'S e deagh eisimpleir a tha seo de dhealas Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba gus coimhead às dèidh na Gàidhealtachd.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo chumhachd Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le fear Tòmas MacIain aig Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid bho dhuilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm le bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig an fheadhainn a bhathas an dùil a chleachdadh tòrr mòr cumhachd. Dheigheadh cumhachd sam bith a bha air fhàgail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhathas airson gun deigheadh prothaidean bho bhith a' reic an dealain seo a chleachdadh gus cosgaisean an lùib a bhith a' cumail dealan ri àiteachan iomallach a lùghdachadh agus gus cuideachadh a thoirt do leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' coimhead air a' Bhòrd mar inneal ann a bhith a' toirt ath-bheothachadh air ceann a tuath na h-Alba, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann cruthachadh dealain.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Sloy, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' chumhachd a bharrachd air a chleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhith prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì phròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bhan an Dealan-uisge air Rathas Shìldeig

ROS: A' Chomraich

1950an

dealan-uisge; bhan; Ceann Loch Damh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive