Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rathad Shìldeig/Loch Carrain
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_11_005
ÀITE
Ceann Loch Damh
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8956
KEYWORDS
dealan-uisge
bhan
Ceann Loch Damh
Shieldaig/Lochcarron Road

Tha an dealbh seo a chaidh a thogail faisg air Ceann Loch Damh na dheagh eisimpleir air na sgìrean iomallach a bha ' faighinn seirbheis air sgàth an dealais a rinn Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba gus dealan a thoirt dhan Ghàidhealtachd air fad. Ro mheadhan nan 1950an, bha an dealan a' ruighinn mòran de na sgìrean iomallach sin. Bha bhanaichean an Dealain-uisge a' tighinn gu bhith nan sealladh cumanta air na rathaidean cumhang singilte, Bha na bhanaichean a bha a' toirt chucairean agus innealan ùra eile a bha a-nis rim faotainn gu dachaighean, glè thric air am fàgail airson na mìltean mu dheireadh agus bha na cucairean air an giùlan gu na taighean.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo chumhachd Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le fear Tòmas MacIain aig Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid bho dhuilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm le bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig an fheadhainn a bhathas an dùil a chleachdadh tòrr mòr cumhachd. Dheigheadh cumhachd sam bith a bha air fhàgail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhathas airson gun deigheadh prothaidean bho bhith a' reic an dealain seo a chleachdadh gus cosgaisean an lùib a bhith a' cumail dealan ri àiteachan iomallach a lùghdachadh agus gus cuideachadh a thoirt do leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' coimhead air a' Bhòrd mar inneal ann a bhith a' toirt ath-bheothachadh air ceann a tuath na h-Alba, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann cruthachadh dealain.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Sloy, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' chumhachd a bharrachd air a chleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhith prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì phròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rathad Shìldeig/Loch Carrain

ROS: A' Chomraich

1950an

dealan-uisge; bhan; Ceann Loch Damh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive