Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cucair ga thoirt gu Ceann Loch Damh
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_11_010
ÀITE
Ceann Loch Damh
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8966
KEYWORDS
dealan-uisge
cucair
bhan
Ceann Loch Damh
Cooker delivery to Kinloch Damph

Mus tàinig meadhan nan 1950an bha an dealan air ruighinn gu cuid de na h-àiteachan as iomallaich air a' Ghàidhealtachd, le pòlannan is loidhnichean an dealain nan sìneadh thar mhìltean de sgìrean falamh gus an ruigeadh iad fiù 's na coimhearsnachdan a bu lugha. Ann an 1955 chaidh an dealan a ghliogadh air airson rubha na Comraich agus tuath gu ruig Sìldeag. Bhon a bha an dealan a-nis aca, bha daoine èasgaidh gus am feuchadh iad còcairean, coireannan dealain agus innealan ùra eile. Bha e glè chumanta sna làithean sin bhanaichean an Dealain-Uisge fhaicinn a' lìbhrigeadh stuth ùr a thàinig a-mach às a' bhùth-thaisbeanaidh ann an Caol Loch Aillse.

Tha an dealbh seo a' sealltainn dà neach-obrach aig an Dealan-uisge, le cuideachadh bho dhithis eile. A' giùlan cucair tarsainn drocchaid air an t-slighe gu taigh ann an Ceann Loch Damh. An dèidh am prìomh rathad fhàgail dh'fheumadh iad a' bhan fhàgail airson na mìltean mu dheireadh air ceum, thar dhrochaidean agus choilltean. Bhiodh an teaghlach a bha a' faighinn an inneil ùir gun teagamh glè thaingeil air an oidhirp a chaidh a dhèanamh airson a thoirt chun an taighe, Gun teagamh b' e ceum fada mì-rèidh a bh' ann airson faighinn chun an taighe, agus a' smaoineachadh air na parsailean agus na pasgain a thathas a' toirt a-steach, bha e na phàirt dem beatha làitheil aig am àm.

Chaidh Bòrd Dealain-uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealain-uisge (Alba) 1943. Chaidh am bile a chur air adhart le Tòmas Johnston an Taigh nan Cumantan, a chur an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de na duilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm tro bhith a' cleachdadh 'comas mòr fhalaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic ris a' ghriod nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean an dealan a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dhòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann a bhiodh a' cruthachadh dealan.

Bhathar an dùil gum biodh toradh stèisean a' chumhachd ann an Loch Slòigh a' frithealadh iarrtas ann an meadhan na h-Alba agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' phrothaid bho dhealan sam bith a bharrachd air seo a rachadh a reic air a chleachdadh mar shubsadaidh do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gun dèanadh iad prothaid. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cucair ga thoirt gu Ceann Loch Damh

ROS: A' Chomraich

1950an

dealan-uisge; cucair; bhan; Ceann Loch Damh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive