Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clàr Luchd-bhòtaidh ann am Borgh Fharrais, 1873 (sloinnidhean J - Mac)
EXTERNAL ID
Z_QZP40_2915_P042
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8969
KEYWORDS
taghaidhean
poilitigs
luchd-poilitigs
pàrtaidhean poilitigeach
Register of Electors in the Burgh of Forres, 1873 (surnames J - Mac)

Seo liosta ann an òrdugh na h-aibidil de na daoine aig an robh cead bhòtadh ann am Borgh Fharrais ann an 1873 air an robh sloinnidhean a' tòiseachadh leis na litrichean J gu Mac. Chaidh an lethbhreac seo a chleachdadh le luchd-siridh-bhòtaichean rè iomairt an taghaidh choitchinn ann am Bailtean Inbhir Nis ann an 1874. A bharrachd air ainmean an luchd-bhòtaidh, tha fiosrachadh ann airson gach duine air far an robh iad a' fuireach, dè an obair a bh' aca, airidheachd airson cead-bhòtaidh (an t-adhbhar airson bhòt a bhith aca), agus dè an seòladh a bh' aca. Chaidh a cleachdadh nuair a bha an luchd-siridh-bhòtaichean a' faighneachd cò dha a bhòtadh daoine no cò dha a bha iad air bhòtadh. Chaidh 'R' a sgrìobhadh air an liosta airson Aonghais Mhic an Tòisich an Ràthaig Mhòir agus 'F' airson Theàrlaich Fhriseil Mhic an Tòisich. Cuideachd, tha 'absent' (neo-làthaireach) sgrìobhte ri taobh cuid agus 'dead' (marbh) ri taobh cuid eile. Tha na figearan iomlan air an duilleig mu dheireadh.

Tha am postair seo na shanas airson coinneimh poblaich ann an Talla a' Bhaile, A' Chananaich, a chaidh a chumail le Teàrlach Friseal Mac an Tòisich, fear de dhà thagraiche Libearalach airson seat Bailtean Inbhir Nis ann an taghadh coitcheann 1874.

B' e toradh an taghaidh airson Bailtean Inbhir Nis (a' gabhail a-steach Inbhir Nis, Inbhir Nàrann, Farrais is A' Chananaich):

Friseal Mac an Tòisich (Libearalach neo-eisimeileach) - 1,134
Mac an Tòisich an Ràthaig Mhòir (Libearalach) - 879
Mac an Tòisich an Tuilm (Tòraidh) - 16

Fhuair na Libearalaich aig Uilleam Gladstone a' mhòr-chuid de na bhòtaichean san taghadh, ach fhuair na Tòraidhean aig Benjamin Disraeli a' mhòr-chuid ann an Taigh nan Cumantan. 'S e pàirt mòr den adhbhar gun d' fhuair iad iomadh roinn-taghaidh gun fharpais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clàr Luchd-bhòtaidh ann am Borgh Fharrais, 1873 (sloinnidhean J - Mac)

1870an

taghaidhean; poilitigs; luchd-poilitigs; pàrtaidhean poilitigeach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Papers relating to the political career of Charles Fraser Mackintosh