Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Foillseachaidhean Taghaidh, 1874: Litrichean gu luchd-bhòtaidh Inbhir Nis, duilleag 1
EXTERNAL ID
Z_QZP40_2915_P048
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8976
KEYWORDS
taghaidhean
poilitigs
luchd-poilitigs
pàrtaidhean poilitigeach
Marseille
Election Literature, 1874: Letters to the Inverness Electorate from Charles Fraser MacKintosh, page 1

Chaidh na litrichean no aithrisean taghaidh seo a chur gu luchd-bhòtaidh Bailtean Inbhir Nis le Teàrlach Friseal Mac an Tòisich às dèidh dhan Phàrlamaid sgaoileadh anns an Fhaoilleach 1874. Anns a' chiad litir, tha e a' cur an cèill gu bheil e am beachd seasamh mar thagraiche Libearalach neo-eisimeileach anns an taghadh a tha a' tighinn. Chaidh a chur mar thelegram bho Algiers far an robh Friseal Mac an Tòisich air 'turas mòr' an dèidh dha an dreachd aige a leigeil dheth mar Choimiseanair (bàillidh) airson oighreachdan Mhic an Tòisich. Anns an dara litir no aithris taghaidh a bharrachd, thathar a' mìneachadh cuid de na poileasaidhean sònraichte aig Friseal Mac an Tòisich, a' gabhail a-steach theirmichean suidhichte de chòig bliadhna airson gach pàrlamaid, a' cur às do chìsean air sealbh is air teachd-a-steach; a' toirt na bhòt do bhoireannaich; a' cur às do Lagh na Pàtranachd; a' cur nan rathaidean-iarainn ann an seilbh na stàite; a' cur an teachd a-steach bho oifis a' phuist agus bho theileagraf air ais do na seirbheisean seo gus an leasachadh agus gus prìsean ìsleachadh; a' cur às do choineanaich is do gheàrran air agus faisg air talamh àitich; agus gun dèanadh e a h-uile rud a b' urrainn dha gus cur an aghaidh "olc na misge".

B' e toradh an taghaidh airson Bailtean Inbhir Nis (a' gabhail a-steach Inbhir Nis, Inbhir Nàrann, Farrais is A' Chananaich):

Friseal Mac an Tòisich (Libearalach neo-eisimeileach) - 1,134
Mac an Tòisich an Ràthaig Mhòir (Libearalach) - 879
Mac an Tòisich an Tuilm (Tòraidh) - 16

Fhuair na Libearalaich aig Uilleam Gladstone a' mhòr-chuid de na bhòtaichean san taghadh, ach fhuair na Tòraidhean aig Benjamin Disraeli a' mhòr-chuid ann an Taigh nan Cumantan. 'S e pàirt mòr den adhbhar gun d' fhuair iad iomadh roinn-taghaidh gun fharpais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Foillseachaidhean Taghaidh, 1874: Litrichean gu luchd-bhòtaidh Inbhir Nis, duilleag 1

1870an

taghaidhean; poilitigs; luchd-poilitigs; pàrtaidhean poilitigeach; Marseille

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Papers relating to the political career of Charles Fraser Mackintosh