Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Foillseachaidhean Taghaidh, 1874: Litrichean gu luchd-bhòtaidh Inbhir Nis, duilleag 2
EXTERNAL ID
Z_QZP40_2915_P049
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
8978
KEYWORDS
taghaidhean
poilitigs
luchd-poilitigs
pàrtaidhean poilitigeach
Marseille
Election Literature, 1874: Letters to the Inverness Electorate from Charles Fraser MacKintosh, page 2

An dara earrann de litir a chaidh a chur gu luchd-bhòtaidh Bailtean Inbhir Nis le Teàrlach Friseal Mac an Tòisich às dèidh dhan Phàrlamaid sgaoileadh anns an Fhaoilleach 1874. Anns an litir, thathar a' mìneachadh cuid de na poileasaidhean sònraichte aig Friseal Mac an Tòisich, a' gabhail a-steach theirmichean suidhichte de chòig bliadhna airson gach pàrlamaid, a' cur às do chìsean air seilbh is air teachd-a-steach; a' toirt a' bhòt do bhoireannaich; a' cur às do Lagh na Pàtranachd; a' cur nan rathaidean-iarainn ann an seilbh na stàite; a' cur an teachd a-steach bho oifis a' phuist agus bho theileagraf air ais do na seirbheisean seo gus an leasachadh agus gus prìsean ìsleachadh; a' cur às do choineanaich is do gheàrran air agus faisg air talamh àitich; agus gun dèanadh e a h-uile rud a b' urrainn dha gus cur an aghaidh "olc na misge".

B' e toradh an taghaidh airson Bailtean Inbhir Nis (a' gabhail a-steach Inbhir Nis, Inbhir Nàrann, Farrais is A' Chananaich):

Friseal Mac an Tòisich (Libearalach neo-eisimeileach) - 1,134
Mac an Tòisich an Ràthaig Mhòir (Libearalach) - 879
Mac an Tòisich an Tuilm (Tòraidh) - 16

Fhuair na Libearalaich aig Uilleam Gladstone a' mhòr-chuid de na bhòtaichean san taghadh, ach fhuair na Tòraidhean aig Benjamin Disraeli a' mhòr-chuid ann an Taigh nan Cumantan. 'S e pàirt mòr den adhbhar gun d' fhuair iad iomadh roinn-taghaidh gun fharpais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Foillseachaidhean Taghaidh, 1874: Litrichean gu luchd-bhòtaidh Inbhir Nis, duilleag 2

1870an

taghaidhean; poilitigs; luchd-poilitigs; pàrtaidhean poilitigeach; Marseille

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Papers relating to the political career of Charles Fraser Mackintosh