Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eilean Ratharsair, a' cur air an Dealan-uisge
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_11_017
ÀITE
Am Bràighe
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
14 Am Màrt 1956
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8980
KEYWORDS
dealan-uisge,
Lochan an Stòir
Ratharsair
dealan
stèisean cumhachd
Am Bràigh
Suidhisnis
Baile Meadhanach
Isle of Raasay Hydro-Electric Switch-On

B' e latha sònraichte dha Eilean Ratharsair a bha ann am 14 Am Màrt 1956, nuair a chaidh an dealan a chur air airson a' chiad uair. Trì bliadhna roimhe sin, chaidh an sgeama dealan-uisge a chrìochnachadh aig na Lochan an Stòir san Eilean Sgitheanach a' toirt dealan dhan eilean sin. Bha cumhachd Ratharsair a' tighinn bhon stèisean cumhachd aig Lochan an Stòir, tro chàball fon uisge anns an robh fad 1 1/4 mìle agus a' cosg £6,000 den £28,000 a bha anns a' bhuidseat uile gu lèir. Bha an càball a' ruith eadar An Àird sa Bhràighe, 7 mìle gu deas air Port Rìgh agus Suidhisnis ann an Ratharsair.

Chaidh an dealbh-camara seo a thogail ann am Baile Meadhanach sa Bhràighe, le Dùn Chana ann an Ratharsair air fàire. Le bratach Bòrd Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba os an cionn, tha na daoin'-uasal, muinntir an àite agus oifigich Bòrd an Dealan-uisge a' dèanamh an slighe gu far am biodh an cumhachd air a chur air agus bha an tachartas air a chomharrachadh le òraidean. Chaidh na h-òraidean a chur a Ratharsair air fòn-rèidio. Diogan an dèidh an suidse a bhruthadh san Eilean Sgitheanach chaidh rocaidean a losgadh à Ratharsair a' gairm gun robh an dealan air ruighinn. B' e Donaidh MacCoinnich à Port Rìgh am pìobaire.

Chaidh cead a thoirt do Bhòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba dam agus stèisean cumhachd a thogail aig Lochan an Stòir san Eilean Sgitheanach ann an 1949. Anns a' phròiseact seo, chaidh uisge à Loch Fada agus Loch Leathann a chur còmhla ann an loch-tasgaidh ùr Lochan an Stòir le stèisean dealain gu h-ìosal orra ann am Bàgh Bheararaig. Thòisich obair togail tràth sa bhliadhna 1950 agus thòisich e ag obrachadh sa Chèitean 1952. Roimhe seo, dheigheadh dealan a chumail ri corra thaigh ann an sgìre an Ath Leathann le càball fon mhuir à Caol Loch Aillse, le dealan à stèisean cumhachd Drochaid Nòsdaidh. Bha gineadair beag aig an Taigh-òsta Rìoghail ann am Port Rìgh a chumadh dealan ri solas sràide agus ri beagan thaighean. Bha gineadairean aig a' chuid bu mhotha dhe na taighean-òsta agus aig cuid de na taighean mòra.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo chumhachd Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le fear Tòmas MacIain aig Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid bho dhuilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm le bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig an fheadhainn a bhathas an dùil a chleachdadh tòrr mòr cumhachd. Dheigheadh cumhachd sam bith a bha air fhàgail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhathas airson gun deigheadh prothaidean bho bhith a' reic an dealain seo a chleachdadh gus cosgaisean an lùib a bhith a' cumail dealan ri àiteachan iomallach a lùghdachadh agus gus cuideachadh a thoirt do leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' coimhead air a' Bhòrd mar inneal ann a bhith a' toirt ath-bheothachadh air ceann a tuath na h-Alba, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann cruthachadh dealain.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Sloy, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' chumhachd a bharrachd air a chleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhith prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì pròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eilean Ratharsair, a' cur air an Dealan-uisge

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an

dealan-uisge,; Lochan an Stòir; Ratharsair; dealan; stèisean cumhachd; Am Bràigh; Suidhisnis; Baile Meadhanach

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive