Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eilean Ratharsair, a' cur air an Dealan-uisge
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_11_020
ÀITE
Am Bràighe
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
14 Am Màrt 1956
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8988
KEYWORDS
dealan-uisge
Lochan an Stòirr
Ratharsair
Am Bràighe
dealan
stèisean cumhachd
Isle of Raasay Hydro-Electric Switch-On

Air 14 Am Màrt 1956, chruinnich buidheann de mhuinntir an àite, daoin'-uasal agus oifigich Bòrd Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba aig Baile Meadhanach sa Bhràighe san Eilean Sgitheanach gus tòiseachadh a' comharrachadh an dealan a' tighinn a dh'Eilean Ratharsair. Bha an cumhachd a' tighinn bho stèisean Lochan an Stòir, tro chàball fad 1 1/4 mìle fon uisge. San dealbh seo, tha an dealan air a sgoileadh a-null an loidhne de phòlaichean dealan-uisge sìos an t-achadh chun na h-Àirde, agus an uair sin tro chàball fon mhuir a' ruighinnn Ratharsair aig Suidhisnis.

Rinn Sir Uisdean MacCoinnich, Inbhir Nis, Iar Neach-cathrach Bòrd an Dealain-uisge, òraid ghoirid, ag ràdh gun robh e cinnteach gun toireadh an dealan a' ruighinn Ratharsair buannachdan mòra gu gnìomhachasan turasachd agus àiteachais an eilein, agus gun cuidicheadh e ri stad a chur air fàsachadh an eilein. Thug e fa-near cuideachd a' chosgais ann a bhith a' toirt an dealain a Ratharsair - bha seo £28,000 agus am measg sin bha an càball fon mhuir a chosg £6,000. Chaidh mu dheich mìle de chàball os cionn na talmhainn a chur a-steach airson dealan a thoirt gu timcheall air 110 neach-ceannach, le 75% air aontachadh mu thràth gun gabhadh iad an dealan.

Thug Màidsear Seanailear Dòmhnallach (an duine liath na sheasamh anns an dealbh seo) mòran taing dha Bòrd an Dealain-uige na òraid ghoirid, ag ràdh gun robh iad air barrachd airgid a chosg a' toirt an dealan a Ratharsair na bha iad an dòchas fhaighinn air ais. Mar thaing airson an dealan a chur air gu h-oifigeil, chaidh coire dealain a thoirt dhan Mhàidsear Dòmhnallach. Chaidh seo a dhèanamh le Torcaill Mac Neacail (aig a' mhaicreafòn), Manaidsear Sgìre airson an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse aig Bòrd an Dealain-uisge. Na òraid thuirt Mgr MacNeacail gun robh bàrdachd, ceòl, òrain, agus fir fìor mhath air a thighinn à Ratharsair roimhe seo. Ma bha iad sin air a thighinn gun dealan, dè na rudan matha ris am faodadh an t-eilean coimhead a-nis?

Chuir Mgr Gilleasbaig Mac a' Phearsain, Comhairliche Siorrachd airson Rathairsair a mholadh fhèin dhan Bhòrd ri seo, a' comharrachadh nam buannachdan a bheireadh an dealan dha àiteachas. Chaidh na h-òraidean air fad a chur a-null a Ratharsair air fòn-rèidio. An dèidh na seirbheis anns A' Bhràighe, chaidh am partaidh oifigeil a Ratharsair air bàt'-iasgaich, far an do choinnich iad ri muinntir an àite, agus bha iad an làthair aig taisbeanadh de dh'innealan dealain a bha air a chur air dòigh le Bòrd an Dealain-uisge.

Chaidh cead a thoirt do Bhòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba dam agus stèisean cumhachd a thogail aig Lochan an Stòir san Eilean Sgitheanach ann an 1949. Anns a' phròiseact seo, chaidh uisge à Loch Fada agus Loch Leathann a chur còmhla an loch-tasgaidh ùr Lochan an Stòir le stèisean dealain ann am Bàgh Bheararaig. Thòisich obair togail tràth sa bhliadhna 1950 agus thòisich e ag obrachadh sa Chèitean 1952. Roimhe seo, dheigheadh dealan a chumail ri corra thaigh ann an sgìre an Ath Leathann le càball fon mhuir à Caol Loch Aillse, le dealan à stèisean cumhachd Drochaid Nòsdaidh. Bha gineadair beag aig an Taigh-òsta Rìoghail ann am Port Rìgh a chumadh dealan ri solas sràide agus ri beagan thaighean. Bha gineadairean aig cuid bu mhotha dhe na taighean-òsta agus aig cuid de na taighean mòra.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo chumhachd Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le fear Tòmas MacIain aig Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid bho dhuilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm le bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig an fheadhainn a bhathas an dùil a chleachdadh tòrr mòr cumhachd. Dheigheadh cumhachd sam bith a bha air fhàgail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhathas airson gun deigheadh prothaidean bho bhith a' reic an dealain seo a chleachdadh gus cosgaisean an lùib a bhith a' cumail dealan ri àiteachan iomallach a lùghdachadh agus gus cuideachadh a thoirt do leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' coimhead air a' Bhòrd mar inneal ann a bhith a' toirt ath-bheothachadh air ceann a tuath na h-Alba, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann cruthachadh dealain.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Sloy, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' chumhachd a bharrachd air a chleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhith prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì phròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eilean Ratharsair, a' cur air an Dealan-uisge

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an

dealan-uisge; Lochan an Stòirr; Ratharsair; Am Bràighe; dealan; stèisean cumhachd

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive