- TIOTAL
- Foillseachaidhean Taghaidh, 1874: Litir gu Luchd-bhòtaidh Borgh Inbhir Nàrann a' toirt taic do Theàrlach Friseal Mac an Tòisich, àireamh 2
- EXTERNAL ID
- Z_QZP40_2915_P060
- LINN
- 1870an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 8993
- KEYWORDS
- taghaidhean
poilitigs
luchd-poilitigs
pàrtaidhean poilitigeach

Tha seo na litir fhosgailte gu luchd-bhòtaidh Borgh Inbhir Nàrann is tha I a' toirt taic do Theàrlach Friseal Mac an Tòisich ann an iomairt taghaidh coitcheann 1874. Tha e a' dèanamh coimeas eadar spionnadh Fhriseil Mhic an Tòisich agus "fìor mhì-chùram agus neo-gnìomhachd" a phrìomh co-fharpaisich, Aonghas Mac an Tòisich an Ràthaig Mhòir, a bha na Bhall Pàrlamaid airson na sgìre aig an àm sin.
B' e toradh an taghaidh airson Bailtean Inbhir Nis (a' gabhail a-steach Inbhir Nis, Inbhir Nàrann, Farrais is A' Chananaich):
Friseal Mac an Tòisich (Libearalach neo-eisimeileach) - 1,134
Mac an Tòisich an Ràthaig Mhòir (Libearalach) - 879
Mac an Tòisich an Tuilm (Tòraidh) - 16
Fhuair na Libearalaich aig Uilleam Gladstone a' mhòr-chuid de na bhòtaichean san taghadh, ach fhuair na Tòraidhean aig Benjamin Disraeli a' mhòr-chuid ann an Taigh nan Cumantan. 'S e pàirt mòr den adhbhar gun d' fhuair iad iomadh roinn-taghaidh gun fharpais