Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eilean Ratharsair, a' cur air an Dealan-uisge
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_11_024
ÀITE
Ratharsair
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
14 Am Màrt 1956
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8995
KEYWORDS
dealan-uisge
Lochan an Stòirr
Am Bràighe
Ratharsair
bàt'-iasgaich
Isle of Raasay Hydro-Electric Switch-On

Air 14 Am Màrt 1956 ràinig an dealan Eilean Ratharsair airsona' chiad uair. Bha an cumhachd a' dol a Rtharsair tro chàball fon mhuir bhon stèisean cumhachd aig Lochan an Stòir san Eilean Sgitheanach. Bha na £6,000 a chaidh a' chosg air a' chàball seo na phàirt mòr den bhuidseat de £28,000 air fad airson dealan a thoirt gu àite le àireamh-sluagh ìosal, nì a chaidh a chomharrachadh anns na h-òraidean. Thug am Màidsear Seanailear Haraidh Dòmhnallach taing dha Bòrd Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba airson uiread de dh'airgead a chosg is fios aca nach fhaigheadh iad air ais e a chaoidh.

Chaidh comharrachadh oifigeil a chumail anns a' Bhaile Meadhanach sa Bhràighe san Eilean Sgitheanach. Diogan an dèidh an suidse a bhith air a bruthadh chaidh rocaidean a losgadh à Ratharsair a' leigeil fios gun robh an dealan air ruighinn. An dèidh na seirbheis. Chaidh na h-oifigich,muinntir an àite agus na daoin'-uasal a-null a Ratharsair. A' fàgail A' Bhràighe chaidh an ioMgradh a-mach gu Eilean a' Cheò, bàt' iasgaich le Murchadh MacNeacail agus Aonghas Dòmhnallach às A' Bhràighe, airson an turais a Ratharsair.

Anns an dealbh seo tha iad dìreach a' tighinn air ais air bòrd Eilean a' Cheò airson an turais air ais dhan Eilean Sgitheanach. Tha Murachadh MacNeacail air na ràimh. Na sheasamh san deireadh tha Torcaill MacNeacail Manidsear Sgìre Bòrd an Dealain-uisge airson an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse. 'S e Donaidh MacCoinnich à Port Rìgh am pìobaire.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo chumhachd Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le fear Tòmas MacIain aig Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid bho dhuilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm le bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig an fheadhainn a bhathas an dùil a chleachdadh tòrr mòr cumhachd. Dheigheadh cumhachd sam bith a bha air fhàgail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhathas airson gun deigheadh prothaidean bho bhith a' reic an dealain seo a chleachdadh gus cosgaisean an lùib a bhith a' cumail dealan ri àiteachan iomallach a lùghdachadh agus gus cuideachadh a thoirt do leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' coimhead air a' Bhòrd mar inneal ann a bhith a' toirt ath-bheothachadh air ceann a tuath na h-Alba, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann cruthachadh dealain.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Sloy, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' chumhachd a bharrachd air a chleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhith prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì phròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eilean Ratharsair, a' cur air an Dealan-uisge

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an

dealan-uisge; Lochan an Stòirr; Am Bràighe; Ratharsair; bàt'-iasgaich

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive