Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eilean Ratharsair, a' cur air an Dealan-uisge
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_11_025
ÀITE
Ratharsair
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
14 Am Màrt 1956
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
8998
KEYWORDS
dealan-uisge
Am Bràighe
Ratharsair
Taigh Bhorghasdail
Isle of Raasay Hydro-Electric Switch-On

Air 14 Am Màrt 1956 ràinig an dealan Eilean Ratharsair airsona' chiad uair. Bha càball fon mhuir anns an robh fad 1 1/4 mìle a' ruith eadar an Àird sa Bhràighe gu Suidhisnis a' giùlan an dealan bhon stèisean cumhachd aig Lochan an Stòir. Thòisich an subhachas sa Bhràighe, le buidheann de mhuinntir an àite, daoin'-uasal agus oifigich Bòrd an Dealain-uisge. Bhrùth Màidsear Seanailear Haraidh Dòmhnallach, sealbhadair oighreachd A' Bhràighe an suidse, agus diogan an dèidh sin leig rocaidean a chaidh a losgadh os cionn Ratharsair fios gun robh an dealan air ruighinn.

An uair sin shiubhail am buidheann a-null a Ratharsair airson subhachas an sin. Às A' Bhràighe chaidh an toirt a-mach chun a' bhàt'-iasgaich Eilean a' Cheò airson an turais a-null. B' ann le Muchadh MacNeacail agus Aonghas Dòmhnallach às A' Bhràighe a bha Eilean a' Cheò, clàraichte BRD128. Tha an dealbh seo a' sealltainn cuid den bhuidhenn a' ruighinn Ratharsair, leis a' bhàta air acair a-mach bhon eilean. B' e Donaidh MacCoinnich à Port Rìgh am pìobaire. Thachair am pàrtaidh oifigeil ris an t-sluagh ionadail ann an Ratharsair agus chaidh taisbeanadh de dh'innealan dealain agus taisbeanadh còcaireachd a chumail ann an Taigh Bhorghasdail.

Rinn Niall MacIllEathain, BP Siorrachd Inbhir Nis, tagradh ris a' Bhòrd gus na cosgaisean barantaichte as ìsle a lùghdachadh dha luhd-còmhnaidh Ratharsair. Bha Bòrd an Dealain-uisge air suim £3 gach rùm a shuidheachadh le £9 air a' char as ìsle gach bliadhna airson ga teaghlach. Choinnich buidheann den luchd-còmhnaidh ri Mgr MacIllEathain agus rinn iad soilleir dha o nach robh ach dà rùm anns a' mhòr-chuid de thaighean gun robh an t-suim seo ro àrd. An dèidh barganachadh, dh' aontaich am Bòrd gun robh Ratharsair sònraichte, agus chuingealaich iad an t-suim barantaichte gach bliadhna gu £6.

Chaidh cead a thoirt do Bhòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba dam agus stèisean cumhachd a thogail ann an Lochan an Stòir san Eilean Sgitheanach ann an 1949. Anns a' phròiseact seo, chaidh uisge à Loch Fada agus Loch Leathann a chur gu loch-tasgaidh ùr Lochan an Stòir le stèisean dealain gu h-ìosal air Bàgh Bheararaig. Thòisich obair togail tràth sa bhliadhna 1950 agus dh'fhosgail an stèisean cumhachd sa Chèitean 1952. Roimhe seo, bha dealan aig cuid de na taighean ann an sgìre an Ath Leathann tro chàbal fon mhuir à Caol Loch Aillse, le dealan à stèisean cumhachd Drochaid Nòsdaidh. Bha gineadair beag aig an Taigh-òsta Rìoghail ann am Port Rìgh a bhiodh a' toirt seachad dealan airson solas sràide agus airson beagan thaighean. Bha gineadairean aig a' mhòr-chuid de na taighean-òsta agus aig cuid de na taighean mòra.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo chumhachd Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le fear Tòmas MacIain aig Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid bho dhuilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm le bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig an fheadhainn a bhathas an dùil a chleachdadh tòrr mòr cumhachd. Dheigheadh cumhachd sam bith a bha air fhàgail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhathas airson gun deigheadh prothaidean bho bhith a' reic an dealain seo a chleachdadh gus cosgaisean an lùib a bhith a' cumail dealan ri àiteachan iomallach a lùghdachadh agus gus cuideachadh a thoirt do leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' coimhead air a' Bhòrd mar inneal ann a bhith a' toirt ath-bheothachadh air ceann a tuath na h-Alba, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann cruthachadh dealain.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Sloy, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' chumhachd a bharrachd air a chleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhith prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì phròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eilean Ratharsair, a' cur air an Dealan-uisge

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an

dealan-uisge; Am Bràighe; Ratharsair; Taigh Bhorghasdail

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive