Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bhan an Dealain-uisge
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_12_005
ÀITE
Wester Ross
SIORRACHD/PARRAIST
ROS
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9012
KEYWORDS
dealan-uisge
Taobh Siar Rois
bhan
obair
Hydro-Electric Van

Bho na 1940an dh'fhàs ainm agus suaicheantas sònraichte Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba cumanta ann an sgìrean an Eilein Sgitheanaich, Loch Aillse agus Taobh Siar Rois. Dh'fhosgail sgeama dealan-uisge Drochaid Nòsdaidh ann an 1948, agus stèisean Lochan an Stòir san Eilean Sgitheanach ann an 1952. Bhon dà stèisean cumhachd sin chaidh solar an dealain a leudachadh gu Eilean Ratharsair agus gu tuath cho fad ri Sìldeag a ghabhail. Thug togail nan dam, na loidhnichean pìoba agus na stèiseanan cumhachd obair air an robh fìor fheum dhan àite, agus aon uair 's gun robh iad deiseil, bha Bòrd an Dealain-uisge nan luchd-fastaidh luachmhor, a' toirt obair làn-ùine dha luchd-obrach oifis agus seòmar-taisbeanaidh, a thuilleadh air einnseanairean, agus luchd-obrach gleidhidh. Tha an dealbh-camara seo a' sealltainn an sealladh cumanta de bhan an Dealain-uisge a' dèanamh a slighe thar fearann garbh, a rèir coltais air Taobh Siar Rois.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo chumhachd Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le fear Tòmas MacIain aig Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid bho dhuilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm le bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig an fheadhainn a bhathas an dùil a chleachdadh tòrr mòr cumhachd. Dheigheadh cumhachd sam bith a bha air fhàgail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhathas airson gun deigheadh prothaidean bho bhith a' reic an dealain seo a chleachdadh gus cosgaisean an lùib a bhith a' cumail dealan ri àiteachan iomallach a lùghdachadh agus gus cuideachadh a thoirt do leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' coimhead air a' Bhòrd mar inneal ann a bhith a' toirt ath-bheothachadh air ceann a tuath na h-Alba, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann cruthachadh dealain.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Sloy, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' chumhachd a bharrachd air a chleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhith prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì phròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bhan an Dealain-uisge

ROS

1950an

dealan-uisge; Taobh Siar Rois; bhan; obair

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive