- TIOTAL
- Foillseachaidhean Taghaidh, 1874: Cairt Bhòtaidh
- EXTERNAL ID
- Z_QZP40_2915_P074
- LINN
- 1870an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 9017
- KEYWORDS
- taghaidhean
poilitigs
luchd-poilitigs
pàrtaidhean poilitigeach

Chaidh a' bhileag taghaidh seo fhoillseachadh rè iomairt an Taghaidh Choitchinn ann am Bailtean Inbhir Nis ann 1874 le sgioba iomairt Theàrlaich Fhriseil Mhic an Tòisich.
B' e toradh an taghaidh airson Bailtean Inbhir Nis (a' gabhail a-steach Inbhir Nis, Inbhir Nàrann, Farrais is A' Chananaich):
Friseal Mac an Tòisich (Libearalach neo-eisimeileach) - 1,134
Mac an Tòisich an Ràthaig Mhòir (Libearalach) - 879
Mac an Tòisich an Tuilm (Tòraidh) - 16
Fhuair na Libearalaich aig Uilleam Gladstone a' mhòr-chuid de na bhòtaichean san taghadh, ach fhuair na Tòraidhean aig Benjamin Disraeli a' mhòr-chuid ann an Taigh nan Cumantan. 'S e pàirt mòr den adhbhar gun d' fhuair iad iomadh roinn-taghaidh gun fharpais