Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' toirt Cucair dhan Àird Dhubh
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_12_010
ÀITE
An Àird Dhubh
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9024
KEYWORDS
dealan-uisge
Àird Dhubh
bàta
cucair
A' Chomraich
Delivering a cooker to Ard-Dhubh

Fhuair sgìre Loch Aillse an dealan an toiseach san Dùbhlachd 1948, nuair a chaidh an stèisean cumhachd a bha air ùr-thogail fhosgladh gu h-oifigeil air Drochaid Nòsdaidh. Dà bhliadhna an dèidh sin, thòisich an stèisean cumhachd aig Lochan an Stòir san Eilean Sgitheanach air dealan a chruthachadh sa Chèitean 1952. Thug e beagan bhliadhnachan am bun-structar a leudachadh gus dealan a thoirt do na sgìrean a b' fhaide bho na stèiseanan, leis a' Chomraich agus Sìldeag a' faighinn an dealan trì bliadhna an dèidh sin.

Ann a bhith a' tighinn gu co-dhùnadh mun t-slighe a ghabhadh na loidhnichean dealain dhan Chomraich, bha fearann garbh an rubha na dhùbhlan cudromach. Bha Bòrd an Dealain-uisge diongmhalta an t-seirbheis a thoirt dhan Chomraich, agus ann an 1948, ghabh Manaidsear Coitcheann a' Bhùird, Mgr T Lawrie, a' chiad cheum practaigeach ann a bhith a' cur aghaidh air an trioblaid le bhith a' gabhail bàt'-iasgaich às A' Phloc gu Tosgaig, agus a' coiseachd tron Chomraich thar nam beann gu Loch Ciseorn. Dh'fhaodadh na loidhnichean a bhith air a' phrìomh rathad thar Bealach na Bà a leantainn, ach aig àirde còrr is 2,000 troigh, bhiodh a bhith a' cumail suas an dealain sa gheamhradh doirbh agus aig amannan do-dhèanta. Chaidh na slighean a sgrùdadh, coimeas a dhèanamh air cosgaisean agus chuir a' chiad co-dhùnadh na loidhnichean dealain à Ciseorn, a' leantainn a' chladaich, an uair sin thar nan cnoc gu Tosgaig, tuath air A' Chomraich agus a-null an oirthir gu Sìldeag.

Le dealan a' ruighinn na taighean a b' iomallaiche, dh'fhaodadh dùil a bhith aig a h-uile neach a bhith a' cleachdadh na h-innealan a bha rim faotainn. Ach, cha b' e obair fhurasta a bh' ann a bhith a' faighinn innealan gu cuid de thaighean. Chaidh an dealbh seo a thogail faisg air an Àird Dhubh gu deas air a' Chomraich. Bha na cucairean air an giùlan ann am bhan à Caol Loch Aillse dhan Chomraich agus air an luchdachadh air bòrd bàta beag le einnsean crochte gus an toirt dhan Àird Dhubh. Tha Niall Gòrdan agusA MacIlleathain, le dà bhalach às an àite gan coimhead le ùidh mhòr, air na cucairean a thoirt suas far a' bhàta deiseil airson an cur an sàs anns na taighean faisg air làimh.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo chumhachd Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le fear Tòmas MacIain aig Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid bho dhuilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm le bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig an fheadhainn a bhathas an dùil a chleachdadh tòrr mòr cumhachd. Dheigheadh cumhachd sam bith a bha air fhàgail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhathas airson gun deigheadh prothaidean bho bhith a' reic an dealain seo a chleachdadh gus cosgaisean an lùib a bhith a' cumail dealan ri àiteachan iomallach a lùghdachadh agus gus cuideachadh a thoirt do leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' coimhead air a' Bhòrd mar inneal ann a bhith a' toirt ath-bheothachadh air ceann a tuath na h-Alba, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann cruthachadh dealain.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Sloy, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' chumhachd a bharrachd air a chleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhith prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì phròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' toirt Cucair dhan Àird Dhubh

ROS: A' Chomraich

1950an

dealan-uisge; Àird Dhubh; bàta; cucair; A' Chomraich

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive