Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Foillseachaidhean Taghaidh, 1874: Postair a' toirt taic do Theàrlach Friseal Mac an Tòisich
EXTERNAL ID
Z_QZP40_2915_P079
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
9027
KEYWORDS
taghaidhean
poilitigs
luchd-poilitigs
pàrtaidhean poilitigeach
Election Literature, 1874: A poster in support of Charles Fraser MacKintosh

Chaidh am postair seo fhoillseachadh rè Taghadh Coitcheann 1874 le luchd-taic Theàrlaich Fhriseil Mhic an Tòisich. Ged is e seo a' chiad taghadh a chaidh a chumail tro bhaileat dìomhair, bha fathannan gan sgaoileadh fad is farsaing gum b' urrainnear faighinn a-mach fhathast cò dha a bhòt gach duine, rud a dh'adhbharaicheadh duilgheadasan dhan fheadhainn a bhòtadh san dòigh "cheàrr" (i.e. an aghaidh toil an uachdarain no an neach-fastaidh). Tha am postair seo a' dol às àicheadh nam fathannan seo agus the e cuideachd a' mìneachadh mar a lìonar am pàipear bhòtaidh.

B' e toradh an taghaidh airson Bailtean Inbhir Nis (a' gabhail a-steach Inbhir Nis, Inbhir Nàrann, Farrais is A' Chananaich):

Friseal Mac an Tòisich (Libearalach neo-eisimeileach) - 1,134
Mac an Tòisich an Ràthaig Mhòir (Libearalach) - 879
Mac an Tòisich an Tuilm (Tòraidh) - 16

Fhuair na Libearalaich aig Uilleam Gladstone a' mhòr-chuid de na bhòtaichean san taghadh, ach fhuair na Tòraidhean aig Benjamin Disraeli a' mhòr-chuid ann an Taigh nan Cumantan. 'S e pàirt mòr den adhbhar gun d' fhuair iad iomadh roinn-taghaidh gun fharpais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Foillseachaidhean Taghaidh, 1874: Postair a' toirt taic do Theàrlach Friseal Mac an Tòisich

1870an

taghaidhean; poilitigs; luchd-poilitigs; pàrtaidhean poilitigeach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Papers relating to the political career of Charles Fraser Mackintosh