Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caochlaidear dealan-uisge san Aird Bhàn
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_12_014
ÀITE
Àird Bàn
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9032
KEYWORDS
dealan-uisge
An Aird Bhàn
cucair
A' Chomraich
caochlaidear
Hydro-Electric Transformer at Ard-Ban

Fhuair sgìre Loch Aillse an dealan an toiseach anns an Dùbhlachd 1948, nuair a chaidh an stèisean-dealain aig drochaid Nostaidh fhosgladh gu h-oifigeil. Dà bhliadhna an dèidh sin, chuireadh an stèisean-dealain an Lochan an Stòir anns an Eilean Sgitheanach an sàs anns a' Chèitean 1952. Thug e grunn bhliadhnaichean bun-structar a leudachadh gus an dealan a thoirt do na h-àiteachan a b' fhaide air falbh o na stèiseanan sin, agus mar sin fhuair Sràid na Comraich agus Sìldeag an dealan an ceann trì bliadhna.

Bha an talamh garbh aig an rubha na dhùbhlan nuair a bhathar a' beachdachadh air an t-slighe a ghabhadh na loidhnichean dealain chun na Comraich. Chuir Bòrd an Dealan-uisge romhpa gum feumadh iad seirbheis a thoirt chun na Comraich, agus ann an 1948, ghabh Manaidsear a' Bhùird Mgr T Labhraidh a' chiad cheum gus dèiligeadh ris an duilgheadas le bhith toirt bàt'-iasgaich on Phloc gu Toscaig, agus a' coiseachd air ais tron Chomraich agus tarsainn na beinne gu Loch Ciseorn. B' urrainn dha na loidhnichean an rathad mòr a leantainn tarsainn Bealach nam Bò, ach on a bha corr is dà mhìle a dh'àirde ann, bhiodh e doirbh, agus aig amannan do-dhèanta an dealan a chumail a' dol anns a' gheamhradh. Rinneadh rannsachadh air na slighean, agus coimeas air na cosgaisean, agus air a' cheann thall chuireadh na loidhnichean-dealain o Chiseorn, a' leantainn a' chosta, agus an uair sin a' dol dìreach gu Tosgaig, tuath chun na Comraich agus a' leantainn a' chosta gu Sìldeag.

Tha an dealbh seo a' sealltainn caochlaidear an Dealan-uisge san Àird Bhàin, baile beag iomallach deas air Sràid na Comraich.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am bile a chur air adhart le Tòmas Johnston an Taigh nan Cumantan, a chur an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de na duilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm tro bhith a' cleachdadh 'comas mòr fhalaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum bitheadh agus gum bu chòir gum bitheadh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh mòran cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic ris a' ghriod nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean an dealan a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos, agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dhòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann a bhiodh a' cruthachadh dealan.

Bhathar an dùil gum biodh toradh an stèisein cumhachd ann an Loch Slòigh a' frithealadh iarrtas ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh cumhachd sam bith a chòrr an seo air a chleachdadh gus taic a thoirt do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gum b' urrainn dhaibh prothaid a dhèanamh. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caochlaidear dealan-uisge san Aird Bhàn

ROS: A' Chomraich

1950an

dealan-uisge; An Aird Bhàn; cucair; A' Chomraich; caochlaidear

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive