Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' lìbhrigeadh cucair faisg air Sìldeag
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_12_017A
ÀITE
Sìldeag
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9042
KEYWORDS
dealan-uisge
bhan
cucair
Sìldeag
bàta
Delivering a cooker near Shieldaig

Ro mheadhan nan 1950an bha dealan a' ruighinn nan ceàrnaidhean bu lugha agus fiù 's taighean iomallach anns a' Ghàidhealtachd, le mìltean de chàbaill agus de phòlaichean a' sìneadh a-mach do na sgìrean a b' iomallaiche. Anns na deasbadan tràth, bha mòran an aghaidh an dealain a bhith dol dhan h-uile ceàrn dhen Ghàidhealtachd, le feadhainn dhe na h-uachdarain a' cumail a-mach gun robh na Gàidheil toilichte leis na lampaichean-ola aca. Gu fìrinneach bha a' chuid bu mhotha de theaghlaichean ag iarraidh an dealain cho luath 's a ghabhadh, agus bha daoine le taighean air bhioran gus na goireasan ùra a cheannach gus ùine a ghleidheadh agus obair a chaomhnadh dhaibh. Chuir Bòrd an Dealan-uisge air chois taisbeanaidhean, agus sna bùthan mhol iad dealan a chleachdadh ann am beatha làitheil an t-sluaigh.

Tha an dealbh seo a' sealltainn còmhlan faisg air Sìldeag, a' dèanamh deiseil gus cucair a lìbhrigeadh tarsainn ceann an loch gu Doire Aonar. Bhiodh an cucair air a thoirt air an rathad on bhùth ann an Caol Loch Aillse gu Sìldeag. Bha e na b'fhasa faighinn chun an taighe far an robhar a' lìbhrigeadh a' chucair on mhuir, seach air an rathad chaol aon-shligheach, a bha astar fada air chois on rathad mòr. Ged nach robh e mì-àbhaisteach bathar a lìbhrigeadh ann am bàtaichean, bhiodh e na annas a bhith a' faicinn cucairan agus goireasan eile gan lìbhrigeadh. On taobh chlì, N. Mac a' Phearsain, Iain Fionnlasdan, Niall Gòrdain, A, MacIllEathain, agus leis an fhèileadh, Torcuil MacNeacail , Manaidsear Sgìreil Bòrd an Dealan-uisge anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse, agus neach nach nach do dh'aithnicheadh.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am bile a chur air adhart le Tòmas Johnston an Taigh nan Cumantan, a chur an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de na duilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm tro bhith a' cleachdadh 'comas mòr fhalaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum bitheadh agus gum bu chòir gum bitheadh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh mòran cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic ris a' ghriod nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean an dealan a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos, agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dhòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann a bhiodh a' cruthachadh dealan.

Bhathar an dùil gum biodh toradh an stèisein cumhachd ann an Loch Slòigh a' frithealadh iarrtas ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh cumhachd sam bith a chòrr an seo air a chleachdadh gus taic a thoirt do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gum b' urrainn dhaibh prothaid a dhèanamh. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' lìbhrigeadh cucair faisg air Sìldeag

ROS: A' Chomraich

1950an

dealan-uisge; bhan; cucair; Sìldeag; bàta

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive