Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' lìbhrigeadh cucair gu Doire Aonar faisg air Sìldeag
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_12_019
ÀITE
Doire Aonar
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9048
KEYWORDS
Doire Aonar
Sìldeag
dealan-uisge
Bòrd Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba
Dealan-Uisge Alba plc
Dealan a' Chinn a Deas plc
Dealan Alba agus a' Chinn a Deas plc
Cooker delivery to Doire Aonar near Shieldaig

Ro mheadhan nan 1950an bha dealan a' ruighinn nan ceàrnaidhean bu lugha agus fiù 's taighean iomallach anns a' Ghàidhealtachd, le mìltean de chàbailll agus de phòlaichean a' sìneadh a-mach do na sgìrean a b' iomallaiche. A dh'aindeoin cuid de bheachdan o thùs gun robh na Gàidheil toilichte leis na lampaichean-ola aca, bha a' chuid bu mhotha de theaghlaichean ag iarraidh an dealain cho luath 's a ghabhadh, agus bha daoine le taighean air bhioran gus na goireasan ùra a cheannach, gus ùine a ghleidheadh agus obair a chaomhnadh dhaibh. Chuir Bòrd an Dealan-uisge air chois taisbeanaidhean, agus sna bùthan mhol iad dealan a chleachdadh ann am beatha làitheil an t-sluaigh.

Thogadh an dealbh seo air a' chladach an Doir' Aonar, faisg air Sìldeag. Bhiodh an cucair dealain air a thoirt air an rathad o Chaol Loch Aillse gu Sìldeag, agus an uair sin rachadh a chur air bàta gus a dhol tarsainn an loch. Dh'fheumte an uair sin an cucair a tharraing chun an taighe beagan os cionn a' chladaich. Tha a h-uile coltas ann gum faighte chun an taighe air an rathad, ach dh'fhaodadh e bhith gun robh e na b' fhasa agus na bu luaithe an cucair a thoirt a-null anns a' bhàta.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am bile a chur air adhart le Tòmas Johnston an Taigh nan Cumantan, a chur an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de na duilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm tro bhith a' cleachdadh 'comas mòr fhalaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum bitheadh agus gum bu chòir gum bitheadh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh mòran cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic ris a' ghriod nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean an dealan a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos, agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dhòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann a bhiodh a' cruthachadh dealan.

Bhathar an dùil gum biodh toradh an stèisein cumhachd ann an Loch Slòigh a' frithealadh iarrtas ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh cumhachd sam bith a chòrr an seo air a chleachdadh gus taic a thoirt do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gum b' urrainn dhaibh prothaid a dhèanamh. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' lìbhrigeadh cucair gu Doire Aonar faisg air Sìldeag

ROS: A' Chomraich

1950an

Doire Aonar; Sìldeag; dealan-uisge; Bòrd Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba; Dealan-Uisge Alba plc; Dealan a' Chinn a Deas plc; Dealan Alba agus a' Chinn a Deas plc

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive