Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taisbeanadh Dealan-uisge ann an Sìldeag
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_12_024
ÀITE
Sìldeag
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9057
KEYWORDS
dealan-uisge
bhan
cucair
Doire Aonar
Sìldeag
taisbeanaidhean
Shieldaig Hydro-Electric Exhibition

Ro mheadhan nan 1950an bha dealan a' ruighinn nan ceàrnaidhean bu lugha agus fiù 's taighean iomallach anns a' Ghàidhealtachd, le mìltean de chàbaill agus de phòlaichean a' sìneadh a-mach do na sgìrean a b' iomallaiche. A dh'aindeoin cuid de bheachdan o thùs gun robh na Gàidheil toilichte leis na lampaichean-ola aca, bha a' chuid bu mhotha de theaghlaichean ag iarraidh an dealain cho luath 's a ghabhadh, agus bha Bòrd Dealan-uisge Ceann a Tuath Alba a' faighinn duilgheadas sgeamaichean Dealan-uisge a thogail gus an riarachadh.

A bharrachd air na bùthan ann an Caol Loch Aillse agus Port Rìgh, bha toil aig Bòrd an Dealain Uisge gum faiceadh gach neach na cucairan ùr agus na goireasan a ghabhadh fhaighinn, agus chaidh iad a-mach gu coimhearsnachdan le taisbeanaidhean, a bha brosnachadh dhaoine gus dealan a chleachdadh nam beatha làitheil. Bhiodh na taisbeanaidhean seo , anns am bite a' sealltainn còcaireachd mar bu trice, glè thrice mar phàirt de dh'fhosgladh oifigeil agus chord iad gu mòr ris an t-sluagh. Fhuair Sìldeag ceangal ris an dealan ann an 1955. Anns an dealbh seo, a dh'aindeoin na h-aimsir, tha mòran dhaoine air tighinn gu bhan an Dealan-uisge . Sheall Bòrd an Dealan-uisge cuideachd mar a bhiodh an dealan gu feum do chroitearan cuideachd, le taisbeanaidhean air innealan agus goireasan gus caoraich a rùsgadh, tàthadh, agus gràn a phronnadh. Cha b' fhada gus an robh bùth le Bòrd an Dealan-uisge àbhaisteach anns gach baile anns a' Ghàidhealtachd, a' reic mòran de dh'uidheaman agus ghoireasan.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am bile a chur air adhart le Tòmas Johnston an Taigh nan Cumantan, a chur an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de na duilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm tro bhith a' cleachdadh 'comas mòr fhalaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum bitheadh agus gum bu chòir gum bitheadh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh mòran cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic ris a' ghriod nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean an dealan a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos, agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dhòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann a bhiodh a' cruthachadh dealan.

Bhathar an dùil gum biodh toradh an stèisein cumhachd ann an Loch Slòigh a' frithealadh iarrtas ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh cumhachd sam bith a chòrr an seo air a chleachdadh gus taic a thoirt do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gum b' urrainn dhaibh prothaid a dhèanamh. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taisbeanadh Dealan-uisge ann an Sìldeag

ROS: A' Chomraich

1950an

dealan-uisge; bhan; cucair; Doire Aonar; Sìldeag; taisbeanaidhean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive