Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' togail a' bhuntàta
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_13_007
ÀITE
Am Ploc
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9079
KEYWORDS
dealan-uisge
buntàta
làraidh
tractar
Lifting Potatoes

Bha cliù riamh aig Bòrd an Dealan-uisge o na bha ùidh aige ann nam math na coimhearsnachd. Thogadh an dealbh seo anns a' Phloc far a bheil buntàta na bliadhna air a thogail, agus air a chur ann am pocannan, deiseil gus a thoirt dhachaigh. Obair throm, ach le beagan de chuideachadh o làraidh Bùird an Dealan-uisge tha an obair an cois a bhith ga thoirt on achadh air a dhèanamh gu math nas fhasa.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am bile a chur air adhart le Tòmas Johnston an Taigh nan Cumantan, a chur an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de na duilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm tro bhith a' cleachdadh 'comas mòr fhalaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum bitheadh agus gum bu chòir gum bitheadh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh mòran cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic ris a' ghriod nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean an dealan a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos, agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dhòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann a bhiodh a' cruthachadh dealan.

Bhathar an dùil gum biodh toradh an stèisein cumhachd ann an Loch Slòigh a' frithealadh iarrtas ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh cumhachd sam bith a chòrr an seo air a chleachdadh gus taic a thoirt do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gum b' urrainn dhaibh prothaid a dhèanamh. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' togail a' bhuntàta

ROS: Loch Aillse

dealan-uisge; buntàta; làraidh; tractar

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive