Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Tiormeachadh Feur sa Phloc
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_13_011
ÀITE
Am Ploc
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9088
KEYWORDS
dealan-uisge
tiormachadh feòir
Am Ploc
làraidh
Mac Mhathain
Hay Drying in Plockton

Ann am meadhan na 1950an, thog Bòrd Dealain-Uisge Ceann a Tuath na h-Alba ionad tiormachaidh feòir anns A' Phloc faisg air stèisean an rèile. An dèidh dhan fheur a bhith air a bhuain, bhathas ga thoirt chun an ionad agus air a sgaoileadh a-mach air racaichean far an robh gaotharain dealain a' gluasad èadhar tron fheur. Aon uair 's gun robh e tioram, bheireadh na tuathanaich am feur air falbh airson a stòradh. Chaidh an ionad a thogail mar aonad deuchainn agus bha e air a chleachdadh airson grunnan bhliadhnaichean. Tha an dealbh camara seo a' sealltainn làraidh a bha le M MacMhathain à Caol Loch Aillse air a luchdachadh làn feòir, air a dèanamh tèarainte airson an turais le cainb-thearra mòr airson a chumail na àite. Tha Seòras MacAoidh air muin an luchd feòir, leis an Dotair Fearchar MaRath, Catriona NicAoidh agus Seumas Caimbeul ga choimhead.

Chaidh Bòrd Dealain-Uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealain-Uisge (Alba) 1943. Chuireadh am Bile air adhart ann an Taigh na Cumantan le Tòmas MacIain, a chur an cèill gum biodh seo na fhuasgladh do chuid de na duilgheadan a bha aig a' Ghaidhealtachd aig an àm, tro bhith a' cleachdadh "the great latent power of the region' gum biodh e na chuideachadh ann a bhith na leasachadh air duilgheadasan na Gàidhealtachd. Dh'innis MacIain do na Cumantan gum biodh agus gum bu chòir gum biodh, 'industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an tòisich agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd, agus gum bhiodh cumhachd sam bith a bharrachd air a reic ris a' chliath nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean gus an dealain a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconomach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidhinn a bhiodh a' toirt dealan.

Thathar an dùil gum biodh toradh an stèisein cumhachd ann an Loch Slòigh, an iar air Loch Laomainn, a' frithealadh iarrtas ann an meadhan na h-Alba agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' phrothaid bho dhealan sam bith a bharrachd air seo a chleachdadh mar shubsadaidh do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gun dèanadh iad prothaid. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Tiormeachadh Feur sa Phloc

ROS: Loch Aillse

dealan-uisge; tiormachadh feòir; Am Ploc; làraidh; Mac Mhathain

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive