Ùrachadh mu Dheireadh 22/11/2016
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An dealan ga chur air sa Chomraich
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_14_019
ÀITE
A' Chomraich
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
DEIT
9 An t-Iuchar 1955
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9175
KEYWORDS
dealan-uisge
A' Chomraich
pàilleanan
bratach na croise
Hydro-Electric Switch on at Applecross

Chaidh an dealan a chur air airson a' chiad uair sa Chomraich Disathairne 9mh An t-Iuchair 1955. Chaidh a chur air le Coinneach Fearghasdan aois 88, a bha air a bhith a' fuireach sa Chomraich fada a bheatha mar a bha athair agus a sheanair roimhe. Chaidh coire dealain a thoirt dha Mgr Fearghasdan mar chomharra air an tachartas. Fhuair a' choimhearsnachd air fad fiathachadh chun an t-subhachais air latha grianach samhraidh. Rinn Sir Ùisdean MacCoinnich, Iar Chathraiche Bòrd Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba agus Mgr T Lawrie, Manaidsear Coitcheann a' Bhùird òraidean an latha.

Bha daoine uasal, luchd-obrach an Dealain-uisge agus aoighean sònraichte nan suidhe aig a' phrìomh phàillean a bha sgeadaichte le brataichean agus sròlach. Tha suaicheantas Bòrd an Dealain-uisge gu follaiseach air a' phàillean, agus air cùlaibh sin tha soidhne, Fàilte agus Furan gu Cumhachd an Dealain. San dealbh seo le suaicheantas Bòrd Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba air a thaisbeanadh gu follaiseach, tha Sir Ùisdean MacCoinnich na shuidhe ris an aghaidh gu clì, le Mgr Fearghasdan ri thaobh. Tha Torcall MacNeacail, Manaidsear Sgìre Bòrd an Dealain-uisge airson an Eilein Sgitheanaich, Loch Aillse agus Taobh Siar Rois, na sheasamh, a rèir coltais a' cur oifigich agus aoighean an aithne a chèile.

Thuirt Sir Ùisdean MacCoinnich, ged nach robh A' Chomraich air a toirt a-steach do dh'Achd Leasachaidh an Dealain-uisge 1943 le na Coimiseanairean, nach robh Bòrd Ceann a Tuath na h-Alba air dìochuimhneachadh mun choimhearsnachd, agus gun robh iad deònach an dealan a thoirt gu sgìre na Comraich. Ann a bhith a' tighinn gu co-dhùnadh mun t-slighe a ghabhadh na loidhnichean dealain dhan Chomraich, bha fearann garbh an rubha na dhùbhlan mòr. Ann an 1948, ghabh Mgr Lawrie, a' chiad cheum practaigeach ann a bhith a' cur aghaidh air an trioblaid le bhith a' gabhail bàt'-iasgaich às A' Phloc gu Tosgaig, agus a' coiseachd tron Chomraich thar nam beann gu Loch Ciseorn. Dh'fhaodadh na loidhnichean a bhith air a' phrìomh rathad thar Bealach na Bà a leantainn, ach aig àirde còrr is 2,000 troigh, bhiodh a bhith a' cumail suas an dealain sa gheamhradh doirbh agus aig amannan do-dhèanta. Chaidh na slighean a sgrùdadh, coimeas a dhèanamh air cosgaisean agus b' e an co-dhùnadh deireannach na loidhnichean dealain a thoirt à Ciseorn, a' leantainn a' chladaich, an uair sin thar nan cnoc gu Tosgaig, tuath air A' Chomraich agus a-null an oirthir gu Sìldeag

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo chumhachd Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le fear Tòmas MacIain ann an Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid bho dhuilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm le bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig an fheadhainn a bhathas an dùil a chleachdadh tòrr cumhachd. Dheigheadh cumhachd sam bith a bha air fhàgail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhathas airson gun deigheadh prothaidean bho bhith a' reic an dealain seo a chleachdadh gus cosgaisean an lùib a bhith a' cumail dealan ri àiteachan iomallach a lùghdachadh agus gus cuideachadh a thoirt do leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' coimhead air a' Bhòrd mar inneal ann a bhith a' toirt ath-bheothachadh air ceann a tuath na h-Alba, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann cruthachadh dealain.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Slòigh, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' chumhachd a bharrachd air a cleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhith prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì pròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,00

Faodar an dealbh seo a cheannach.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An dealan ga chur air sa Chomraich

ROS: A' Chomraich

1950an

dealan-uisge; A' Chomraich; pàilleanan; bratach na croise

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive