Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Torcall MacNeacail
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_15_002
ÀITE
neo-aithnichte
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9195
KEYWORDS
Torcaill MacNeacail
Bòrd an Dealain-uisge
comhairle sgìre
Torquil Nicolson

Seo dealbh camara de Thorcall MacNeacail, Manaidsear Sgìre airson sgìre An Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse de Bhòrd Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba. B' e einnseanair dealain a bh' ann am Mgr MacNeacail aig a' Bhòrd. Ghluais e bhon Prìomh Oifis ann an Dùn Èideann gu Loch Aillse agus bha e an sàs ann an ciad ìrean leasachaidh sgeamachan an dealain-uisge aig Drochaid Nòsdaidh agus Lochan an Stòr. Bha e còmhla ri Bòrd an Dealain-uisge gus an do leig e dheth a dhreuchd aig deireadh nan 1960an. Chaidh Mgr MacNeacail cuideachd a thaghadh mar chomhairliche ionadail airson Comhairle Roinneil na Gàidhealtachd.

Bha pròiseact Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba airson sgìre Loch Aillse stèidhichte ann an Drochaid Nòsdaidh, sia mìle bho Chaol Loch Aillse. Thòisich an obair ann an 1946 às dèidh tachartas sònraichte gus a' chiad phòla dealain a chur suas sa Chèitean, agus thòisich an stèisean air dealan a chruthachadh ann an 1948. Bha dà dham anns na planaichean tùsail ach fhuaireadh a-mach nach robh an talamh freagarrach airson seo agus chaidh aon dam a thogail air Allt Gleann Udalain. Chaidh an loch-tasgaidh, dam agus stèisean cumhachd a thogail aig an aon àm ris an lìonra sgaoilidh dealain. Chaidh càballan fo-uisge thairis air Loch Dubhthaich, Loch Long, Loch Carrann agus Loch Aillse a thogail aig an aon àm cuideachd.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo chumhachd Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le fear Tòmas MacIain ann an Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid bho dhuilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm le bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig an fheadhainn a bhathas an dùil a chleachdadh tòrr cumhachd. Dheigheadh cumhachd sam bith a bha air fhàgail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhathas airson gun deigheadh prothaidean bho bhith a' reic an dealain seo a chleachdadh gus cosgaisean an lùib a bhith a' cumail dealan ri àiteachan iomallach a lùghdachadh agus gus cuideachadh a thoirt do leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' coimhead air a' Bhòrd mar inneal ann a bhith a' toirt ath-bheothachadh air ceann a tuath na h-Alba, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann cruthachadh dealain.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Slòigh, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' chumhachd a bharrachd air a cleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhith prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì pròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,00

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Torcall MacNeacail

1950an

Torcaill MacNeacail; Bòrd an Dealain-uisge; comhairle sgìre

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive